spacer
spacer

Mar a thug na sìthichean croit bho aon fhear agus a chuir ia...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Mar a thug na sìthichean croit bho aon fhear agus a chuir ia...
Fiosraichean - Mary Stewart
Luchd-clàraidh -

Geàrr-chunntas - Mar a thug na sìthichean croit bho aon fhear agus a chuir iad air fear eile e.

Chaidh fear le croit a dh'iarraidh uisge-beatha na Callainne agus bha aige ri dhol a-null cnoc. Bha e a' tilleadh leis a' phigean uisge-bheatha air an oidhche agus dh'fhosgail an cnoc. Bha ceòl brèagha agus òl agus aighear a' dol air adhart. Chaidh e a-steach nam measg agus bha e a' dannsa cuide riutha agus a' dèanamh a h-uile nì a dh'iarraidh iad. Thug na sìthichean a' chroit dheth.

Chaidh e dhachaigh agus nuair a ràinig e 's e an ath Challainn a bh' ann. Bha dùil aige nach robh e air a bhith air falbh ach beagan uairean a thìde.

Dh'innis e dha fear eile le croit mar a thachair dha agus chaidh esan a dh'iarraidh uisge-beatha na Callainne feuch an tachradh an aon rud dhàsan. Chaidh e a-steach dhan chnoc air an t-slighe air ais mar a rinn a' chiad fhear, ach cha dhannsadh e agus cha dèanadh nì.

An àite a' chroit a thoirt dheth, chuir na sìthichean croit an fhir eile air agus ràinig e dhachaigh an ceann bliadhna le dhà.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:02:35
Àm Clàraidh - 1957.06
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 34797
Àireamh an Teip Thùsail - SA1957.048
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1957.48.B3
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Cataibh
  Paraiste - Fàrr

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/34797/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:02:35)
Cluich pàirt 2 (00:00:58)




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA