Mar a thug na sìthichean croit bho aon fhear agus a chuir ia...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1957.48.B3
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a thug na sìthichean croit bho aon fhear agus a chuir iad air fear eile e.
Chaidh fear le croit a dh'iarraidh uisge-beatha na Callainne agus bha aige ri dhol a-null cnoc. Bha e a' tilleadh leis a' phigean uisge-bheatha air an oidhche agus dh'fhosgail an cnoc. Bha ceòl brèagha agus òl agus aighear a' dol air adhart. Chaidh e a-steach nam measg agus bha e a' dannsa cuide riutha agus a' dèanamh a h-uile nì a dh'iarraidh iad. Thug na sìthichean a' chroit dheth.
Chaidh e dhachaigh agus nuair a ràinig e 's e an ath Challainn a bh' ann. Bha dùil aige nach robh e air a bhith air falbh ach beagan uairean a thìde.
Dh'innis e dha fear eile le croit mar a thachair dha agus chaidh esan a dh'iarraidh uisge-beatha na Callainne feuch an tachradh an aon rud dhàsan. Chaidh e a-steach dhan chnoc air an t-slighe air ais mar a rinn a' chiad fhear, ach cha dhannsadh e agus cha dèanadh nì.
An àite a' chroit a thoirt dheth, chuir na sìthichean croit an fhir eile air agus ràinig e dhachaigh an ceann bliadhna le dhà.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Cataibh
Paraiste - Fàrr
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math