Rannsaich

Mar a rinn an Dròbhair Cruinn an gnothach air a' mhèirleach....

Fiosraichean
Ceann-latha 1970
Àireamh a’ chlàir 34968
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.292.B6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.292

Geàrr-chunntas

Mar a rinn an Dròbhair Cruinn an gnothach air a' mhèirleach.

Dh'fhalbh an Dròbhair Cruinn dhan Eaglais Bhric le claidheamh, cù agus baga airgid. Thachair e ri 'cailleach' anns a' choille, a dh'fhaighnich dha an robh an t-eagal air ro na murtairean a bh' anns a' choille. Thuirt an dròbhair nach robh on a bha cù 's claidheamh aige. Dh'fhaighnich a' chailleach am faodadh i an claidheamh fhaicinn. Thilg a' chailleach an uair sin dhith a seàla. Cò bh' ann ach mèirleach. Chuir e an ceann far a' choin leis a' chlaidheamh agus dh'fhalbh e leis an airgead. Dh'fhaighnich an dròbhair dha an gearradh e dheth a làmh, oir 's gum biodh coltas ann gun do dh'fheuch e ri an t-airgead a dhìon. Dh'aontaich am mèirleach. Chuir an dròbhair an làmh aige air bun craoibhe, ach nuair a bha an claidheamh a' tighinn a-nuas, ghluais an dròbhair an làmh aige agus chaidh an claidheamh dhan chraoibh. Bhuail an dròbhair am mèirleach agus cheangail e e. Fhuair e an t-airgead aige fhèin agus an t-airgead aig dithis dhròbhairean eile.

Neach/Cuspair a' Chlàir

An Dròbhair Cruinn

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math