Chaidh Sgitheanach air tìr ann an Ameireaga bho bhàta agus c...

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 35342
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1957.049.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1957.049

Geàrr-chunntas

Chaidh Sgitheanach air tìr ann an Ameireaga bho bhàta agus chuir e seachad còrr 's bliadhna an sin.

Bha dithis a' seòladh air bàta Frangach agus cha bu chaomh leotha e; bha iad dona dhaibh. Chaidh iad air tìr ann an Ameireaga agus dh'fhalbh iad. Ghabh iad beannachd le chèile agus chaidh an Sgitheanach tro choille mhòr, chunnartach.

Bha e cha mhòr a' cur thairis leis an acras nuair a chunnaic e bothan. Thàinig cù mòr, ach an uair sin thàinig duine agus thug e a-steach e. Choimhead e às a dhèidh agus dh'innis e dha dè an rathad a ghabhadh e anns a' mhadainn. Thug e dha biadh agus each. Shiubhail e astar latha leis gus an do ràinig e taigh agus an uair sin chaidh an t-each dhachaigh.

Dh'innis e dhan bhoireannach a bh' anns an taigh mar a thachair dha. Bhuineadh ise dhan Eilean Sgitheanach cuideachd agus dh'fhuirich e an sin airson bliadhna co-dhiù. Thill e an uair sin dhachaigh.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho a mhàthair-chèile agus chuala ise i bho bheul an duine fhèin.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Cataibh

Paraiste - Fàrr

Baile/Àite - Srathaidh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Sandaidh Stiùbhart (SS): Dithis dhaoine bha iad a' seòladh air stìomair French – stìomair Fhrangach, bu chòir dhomh a ràdh. Agus bha iad glè dhona dhaibh. Cha robh... cha bu chaomh leotha idir an stìomair. Agus 's ann an Ameireaga a bha iad ri... air tìr. 'S lainnsig iad bàta a-mach Latha na Sàbaid, agus thàinig iad mach gus a' chladach. Agus dar a thàinig iad a-mach gus a' chladach bhrist iad am bàta 's dh'fhalbh iad. Ghabh iad beannachd le chèile ann an sin 's ghabh fear gach rathad.

Ach thàinig an Sgitheanach air adhart co-dhiù tron a' choille, tro choille mhòr 's cha robh ceann no crìoch oirre. Agus dar a thàinig, och, cha d' fhuair e mòran biadh sa mhadainn dar a thàinig e air falbh, 's mus do ruig e far an robh e theab e tuiteam. Och, bha e dìreach cha mhòr gu bhith done. Bha e a' tighinn ann an sin 's bha e a' tighinn gus an tàinig e gu ceann na coille, 's bha e air a sgrìobhadh air na clachan a bha sin gun robh a' choille bha seo làn de choin dubh.

"Ò," thuirt esan, "ma gheibh iad mi bidh mi marbh aca."

Ach thàinig e air adhart 's chunnaic e rud cleas hut ann an sin air a dhèanamh dhe... dhe chraobhan agus dhe sgathach. Agus dar a thàinig e, thàinig cù mòr mòr mòr na choinneimh.

"Och," thuirt e, "tha mi a-nis marbh co-dhiù."

'S dar thàinig e a-rithist bìdeag eile air adhart, choinnich... thàinig duine dubh far an robh e, 's thog e e, agus thuirt... phoint-aig e ris an robh an t-acras air agus am pathadh. Ò, dh'aithnich e gun robh am pathadh air. Thug e deoch dha. Cha tug e mòran dha – beag boinnean. Agus thug e a-staigh e, 's dar a thug e a-staigh e chuir e anns an leabaidh e, chuir e a laighe e.

"Och," thuirt e ris fhèin, "tha mi a-nis gu bhith marbh co-dhiù. Tha e a' dol ga mo... toir an amhaich asam."

Cha tug. 'S e duine... duine ciallach a bh' ann. Thàinig e a-staigh agus thug e dha rud beag beag de dh'uisge-beatha agus boinnean de dh'uisge am measg a chèile a revive-aig e. Ò, thug e an sin blasad dhe bhiadh dha. Och, mus deach an oidhche seachad 's ann a bha e na shuidhe cuide ris aig an teine. Ach cha b' urrainn dha bruidhinn ris. Rinn e seòrsa dhe shoidhnireachd ris dè rathad a rachadh e anns a' mhadainn.

Ach dh'èirich e anns a' mhadainn, ò, 's fhuair e a chuid biadh bhuaithe, agus b' e sin am biadh a bha gu math. Agus chuir e rud ann an lunch-bag dha air a mhuin, 's char e a-mach don an stàball, agus dar a char e don an stàball dh'fheuch e an t-each dha, 's rinn e soidhnireachd ris gun cuireadh e air mun an each e.

Agus 's ann mar sin a bha. Chuir e air mun an each e 's dh'fheuch e dha mar a chuireadh e an dìollaid ceart dar bhiodh e a' fàgail an each, na stirrups air a chur an-àird 's na h-uile dad a-mach 's an t-srian. Agus dar a ruigeadh e an t-àite an t-each a thionndain air ais 's thigeadh e fhèin dhachaigh. Ach chan eil fhios agamsa dè cho fad 's a bha e, ach bha astar latha ann co-dhiù.

Leum e air mun an eich. Uill, chuir e air muin an eich e. 'S ghabh an t-each an rathad. By God, bha e a' dol, tha mi ag innse dhut. Fhios agad, bha siud lan bheathaichean fiadhaich 's uile. Ach eadar sin 's beul na h-oidhche thàinig e gu taigh, gu farm, a bh' air cùl an taigh. Thàinig an duine deth.

"Uill," thuirt e, "tha mi a' creidsinn gur e seo cho fad 's a bhios agamsa ri dhol an-dràstaich."

Thàinig e dhe muin an eich, agus dar thàinig e dhe muin an eich thog e an stirrup 's an t-srian 's cheangail e an-àird air... air an each iad mar a dh'fheuch an dhuine dubh dha. Thionndain an t-each 's cha robh an còrr sealladh aige dhen each. Dh'fhalbh e dhachaigh air ais.

Agus thàinig e gus an doras. Ghnog e aig an doras, 's dar a ghnog e aig an doras 's e bean a thàinig, boireannach a thàinig far an robh e. Uill, dh'fhaighnich i ris:

"Cò às a thàinig thu?"

"Ò," thuirt e, "thàinig mi pìos math an-diugh air astar."

"Cò às," thuirt ise, "a thàinig thu?"

Dh'innis e facal air an fhacal di ann an sin gun robh e cuide ris an duine dhubh fad na h-oidhche, agus gun d' fhuair e an t-each airson a thoir an seo.

"Bha mi a' dèanamh dheth sin," thuirt ise. "Mura... mura fhaigheadh cha bhiodh tu seo cho luath. Dh'fhaodadh gum biodh tu air d' ithe aig na beathaichean fiadhaich. Feuch," thuirt ise, "nach do rinn thu dolaidh air an duine dhubh."

"Ò, cha do rinn," thuirt esan. "Cha robh mise... cha robh mi cuide ri duine riamh bu laghaiche na e, agus 's mòr a ghabhainn dolaidh 's cha b' urrainn mi dolaidh a dhèanamh air."

"Ò, ma-thà," thuirt ise, "chan eil àite an seo dhut."

"Ò, uill, uill," thuirt esan, ann an Gàidhlig, "tha e coltach nach eil."
Sheall i air.

"'S ann às an taobh tuath tha thu," thuirt ise.

"Ò, 's ann," thuirt e, "às an taobh tuath a tha mi."

Agus:

"Ò, uill, ma-thà," thuirt ise, "'s ann às an taobh tuath a tha mise cuideachd, ged a tha mi pòsta ann an seo aig an tuathanach."

"Ò, tha mi a' creidsinn," thuirt e.

"Cò," thuirt ise, "an t-àite anns an taobh tuath às am beil thu?"

"Ò, uill," thuirt esan, "ma bha thu riamh no ma chuala tu riamh iomradh air, tha mise às an Eilean Sgitheanach," thuirt esan

'S sheall i air. Uill, rinn i gàire.

"'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha mise cuideachd, ma-thà," thuirt i.

"Ò, uill," thuirt esan, "'s math... 's math a choinnich sin."

"Ò, 's math," thuirt i, "a choinnich sinn."

Thug i an sin a-staigh e 's, ò, char dèanamh dheth gu math 's fhuair e a bhiadh, 's thàinig an sin an tuathanach dhachaigh. Dh'innis i facal air an fhacal don tuathanach.

Uill, bha e ann an sin airson bliadhna, mura robh an còrr, 's bha e a' dèanamh glè mhath, ach smuainich e seo air fhèin gun tigeadh e gu baile-puirt air choreigin 's gun tigeadh e dhachaigh gus an Eilean Sgitheanach.

Uill, rinn e an-àird an t-airgead 's fhuair e dhachaigh agus bha e anns an Eilean Sgitheanach. Agus 's e beul an duine a dh'innis dha chuideigin a bhuineadh dhomh fhèin e. Sin agad an stòiridh.

Hamish Henderson (HH): Glè mhath, Sandaidh. A bheil sin fìrinneach?

SS: Tha sin fìrinneach.

HH: Agus cò an... cò dh'innis an stòiridh sin, Sandaidh?

SS: Ò, dh'innis mo mhàthair-chèile fhèin. 'S ann aice chuala mise an stòiridh. 'S ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math