Rannsaich

Mar a thug Dòmhnall Dubh an Dròbhair an car à Fear Sgeuboist...

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 10 June 1958
Àireamh a’ chlàir 35575
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1958.45.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1958.045

Geàrr-chunntas

Mar a thug Dòmhnall Dubh an Dròbhair an car à Fear Sgeuboist agus mar a cheannaich e làir bhuaithe airson £7.

Bho chionn còrr agus ceud bliadhna air ais [bho 1958] bha Dòmhnall Dubh an Dròbhair ainmeil airson eich a cheannach agus a reic. Bheireadh e an car à duine sam bith.

Cheannaich Lachlann Sgeuboist làir bhrèagha ghlas bho neach-siubhail airson £25 an dèidh dha cluinntinn gu robh Dòmhnall Dubh a' dol a phàigheadh £24 air a son. Thuirt Dòmhnall gum biodh daoine ag ràdh, "Siud Fear Sgeuboist 's làir a' cheàird [sic] aige," nuair a chitheadh iad e.

Reic Fear Sgeuboist an làir ri Dòmhnall Dubh airson £7 agus dh'fhaighnich e carson nach robh e a' cur dragh air fhèin gun canadh daoine a leithid mu dheidhinn. Fhreagair e gum biodh daoine ag ràdh gur e làir Fir Sgeuboist a bh' aige.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math