Prògram Choinnich
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Thathar a' coimhead air na dòighean anns am bi daoine ann an diofar dhùthchannan a' faighinn dachannan.
Tha luchd-labhairt a' còmhradh air mar a bhios daoine a' faighinn àiteachan-còmhnaidh ann an diofar dhùthchannan. Tha an t-eòlaiche-ionmhais Donaidh Màrtainn ag ràdh gu bheil e na fhasan ann am Breatainn taighean a cheannach an àite an gabhail air màl. Anns a' bhitheantas, feumaidh daoine morgaidse a thoirt a-mach airson seo a dhèanamh, agus a phàigheadh air ais thairis air bliadhnaichean. Tha Màiri NicNèill-Lande ann an Nirribhidh ag ràdh gum bi a' chuid mhòr den t-sluagh a' togail thaighean. Tha iad a' faighinn iasadan o na bancaichean agus gam pàigheadh ann am 20 no 25 bliadhna. Tha Seònaid Boydell ag innse gu bheil e cumanta gu leòr do dhaoine anns an Fhraing agus a' Ghearmailt taighean a ghabhail air màl.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Paraiste - Steòrnabhagh
Eilean - Leòdhas
Baile/Àite - Steòrnabhagh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Math