Rannsaich

Bliadhna na croitearachd ann an cuid a sgìrean ann an Leòdhas.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha April 1967
Àireamh a’ chlàir 36452
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1967.28.B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1967.028

Geàrr-chunntas

Bliadhna na croitearachd ann an cuid a sgìrean ann an Leòdhas.

A h-uile bliadhna bhiodh an talamh air a chleachdadh ann an dòigh eadar-dhealaichte. Bha seachd no ochd a bheathaichean aig gach taigh agus 's e todhar an taighe a bhiodh iad a' cur air an eòrna an dèidh dhan talamh a bhith air a threabhadh dà thuras. Bha iad a' treabhadh le crann beag fiodha le sròn fada, crann nan gad. Anns a' chola-deug eadar an t-eòrna agus an coirce a chur, bha mòine air a buain. Cha robh mòran suim aig daoine air coirce; bha iad a' biathadh nan òisgean leis. Bha buntàta feamainn na shìol buntàta airson na h-ath bhliadhna agus buntàta sùithe airson a' bhùird. An dèidh dhaibh an sùith a leagail bhon tughadh airson todhar, bha iad a' rùsgadh nan caorach. Bha na mnathan gu math trang gus an tigeadh na fir air ais bhon iasgach aig toiseach na Sultaine. 'S iadsan a bhiodh a' togail feamainn bhon chladach airson a' bhuntàta. Bha feamainn sitig a bha làn gainmhich math airson buntàta agus feamainn dearg airson coirce.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Mòrag NicLeòid (MN): Ciamar a-nis a bhiodh sibh ag obrachadh an fhearainn? Am biodh sibh a' cur an aon rud anns an fhearann a h-uile bliadhna? No am biodh sibh ga atharrachadh?

Dòmhnall Eòsaph MacDhòmhnaill (DM): Bhiodh sinn ga atharrachadh a h-uile bliadhna. Uill, man a chunna sinn e bhith ga dhèanamh, 's e far am biodh am buntàta am-bliadhna, 's ann an sin a bhite a' cur an eòrna an ath bhliadhna, agus an talamh anns an robh iad a' bhliadhn-uiridh, 's ann ann a bhiodh an coirce a' dol.

Agus bha todhar an taighe ga chur air an talamh-eòrna, a thuilleadh air a bhith a' dèanamh dà threabhadh air, ris an canadh iad eilgheadh, agus bha san latha a bha shin, bha seachd beathaichean mart gu ochd anns a h-uile taigh, agus bhiodh an todhar air a lìonadh an-àirde gu na sparran. Agus, bhiodh an-àirde ri trì cheud cairt todhair anns na taighean sin, agus bha obair ann a shin ga sgaoileadh air an talamh-eilghidh, agus, ma bha tòrr fodar anns an todhar, bha e glè dhuilich a chur fodha le crann. Uill, seòrsa cruinn bha cuimhne agamsa air an toiseach, cruinn bheag fhiodha, le sròn fhada orra, agus 's e cruinn nan gad a chante ris, agus, bhiodh dà each againn annta, ach dhèanadh duine tòrr obair leotha mur an robh an talamh creagach. Agus, 's e sin an treabhadh bho... rud bho dheireadh dhen an treabhadh a bhathas a' dèanamh, an t-eòrna.

Bhite a' cur a' bhuntàta fìor thoiseach an t-samhraidh, agus air a bhite deiseil dhen a sin, bhite ag obair air a' choirce, agus 's ann a-nise eadar an coirce agus an treabhadh eòrna, 's ann a bhathas a' buain na monadh. Agus bhiodh, mar bu thric, bhiodh ceala-deug eadar an treabhadh... eadar cur a' choirce agus cur an eòrna. Uill, mus biodh tu deiseil a' cosnadh sgioba dha do mhòine, dheigheadh aon deich latha seachad mus robh rian agad faighinn gu do thalamh-eòrna. Agus, an dèidh sin, an talamh-eòrna sin a chuireadh tu bho dheireadh ann an còigeamh latha fichead dhe May gus an deicheamh latha fichead, cha mhòr nach biodh e abaich ann an toiseach September, airson a bhuain. Agus glè thric 's e an t-eòrna bho dheireadh, 's e a b' fheàrr a bhiodh na a' chiad fhear.

A-nise, anns an latha a bha sin, cha robh mòran suim aig daoine ga ghabhail dhan a' choirce. Ma bha beagan aca a bheathaicheadh òthaisgean, uill cha robh leithid a rud ann agus a' toirt càil man a dh'fhàs e dha beathach. Uill, bhathas a' frasadh a h-uile càil dhaibh, agus a' dèanamh feum dheth.

Agus bha am buntàta, bha iad... an fheadhainn a bha fon an fheamainn-dhubh, 's iad a bhite a' cumail man bu thric anns a h-uile h-àite airson a' dèanamh sìol-cura dhiubh an ath bhliadhna. Uill, bha iad ro bhog airson a bhith gan ithe aig a' bhòrd. Agus, bhathas a' feuchainn a-riamh ris am buntàta sùithe a bhith ann, mar gun canadh iad anns a' chainnt eile, airson table potatoes. Agus, bha iad a cheart cho tioram ri buntàta na gainmhich.

Uill, 's e sin an rud bho dheireadh a bhathas a' dèanamh às dèidh an treabhadh eòrna, a' leigeil an t-sùith bhon an t-àite b' fheàrr anns an robh e a' fàs air an taigh-dhubh. Agus, anns an latha a bha sin, bhiodh cearcall mòr mun a' chagailt, 's bhathas a' feuchainn dè na loisg de mhòine airson an tuilleadh ceò 's an tuilleadh sùith a dhèanamh. Agus man bu mhotha a bh' agad de shùith, 's ann a b' fheàrr a bhiodh do bhuntàta.

Agus cho luath 's a chuireadh tu a-mach an sùith, bha an uair sin a' chiad fhangadh ga dhèanamh airson rùsgadh nan caorach. Agus bha fad an t-samhraidh agad eadar mòine 's faingean 's sùith, 's a h-uile càil a dhèanamh. Bha a-nis, bha na mnathan leis a' chlann, gu math trang gus an tigeadh na bodaich bhon an iasgach ann an toiseach September. Agus 's ann an uair sin a bhite a' tarraing na mònach, air a thigeadh iad bhon an iasgach. Ach bhiodh i man bu thric air a cur air tìr aig na mnathan, fhad 's a bhiodh iad aig an iasgach.

MN: Nise, 's e na mnathan cuideachd a bhiodh a' tarraing nan cliabh leis an fheamainn?

DM: 'S e na mnathan a bha a' cur an-àirde an fheamainn às a' chladach agus bhiodh... anns a' bhaile a bha seo, bha cairtean aca airson... bho 's cuimhne leamsa airson a bhith ga tarraing chun an fhearainn. Agus bha cairtean... bha iad... bha eich aca airson a bhith a' treabhadh air an fhearann. Ach bha àiteachan eile ann, agus 's e na spaidean a bh' aca, a' dèanamh tòrr dhen a sin.

MN: 'S e na fir a bhiodh a' gearradh na feamainn?

DM: 'S e. 'S iad a bhiodh ga ghearradh, agus 's iad a bhiodh a' lìonadh na clèibh man a bha na boireannaich ga chur an-àirde.

MN: Dh'fheumadh am feamainn a bhith grod?

DM: Uill, 's e an fheamainn, 's e feamainn-sitig a chanadh sinne ris an fheamainn a bhathas a' togail tron a' gheamhradh. Bha sin a' dol air buntàta cuideachd. 'S ma bha nàdar gainmheach idir, idir anns a' chladach, a bha am measg na feamainn, bha uimhir eile a thoradh innte. Agus 's e feamainn-sitig a chante sinne ris. Bha i ann a shin grod fad a' gheamhraidh 's fad an earraich air a' chladach. Ach 's ann air buntàta a bhathas ga cur. Agus an fheadhainn aig nach robh tòrr todhar, 's e an fheamainn-dearg, an liadhag, 's i bha a' dol air a' choirce. Agus, cuid a dhaoine aig nach robh todhar gu leòr, 's e feamainn-sitig a chuireadh iad air an eòrna.

MN: Seadh. Am biodh iad a' tiodhlacadh na feamainn?

DM: Ò, bha. Uill, bhathas a' dèanamh àite air a' chladach ach an cuireadh tu ann i, 's bha i... bha i a' grodadh ann an sin fhèin. Ach cha robh càil a' dol air a h-uachdar.

MN: Cha robh càil a' dol na measg, no...?

DM: Cha robh. Cha robh càil a' dol na measg. Ach a-nise, 's ann a bha a rèir gu dè an t-àite dhen a' chladach às an do ghabh an fheamainn sin tìr. Ma bha i às an tràigh ghainmheach, bha thu dèanamh sitig dhith. 'S a-nise, mas e feamainn a th' ann a thàinig dhan Mhol Gharbh, cha robh thu a' dèanamh sitig dhith idir. Cha robh uimhir... cha robh uimhir a thoradh innte.

MN: Seadh, a chionn, a chionn nach robh gainmheach...

DM: Nach robh gainmheach na measg.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math