Rannsaich

Boireannach a chaidh a-steach do shìthean agus nach fhaighea...

Ceann-latha 20 December 1959
Àireamh a’ chlàir 37055
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.21.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.021

Geàrr-chunntas

Boireannach a chaidh a-steach do shìthean agus nach fhaigheadh a-mach gus an cuireadh i crìoch air a' chiste-mhine.

Dh'fhàg boireannach a' chlann bheaga a-staigh fhad 's a chaidh i a shealltainn air a' chrodh. Dh'fhàs i dorcha agus air a rathad dhachaigh thachair i air sìthean. Fhuair i fiathachadh a dhol a-steach, ach an làrna-mhàireach bha duilgheadas aice faighinn a-mach. Airson faighinn a-mach, dh'fheumadh i aran fhuine gus an cuireadh i crìoch air na bha de mhin anns a' chiste. Ged a bha i a' fuine 's a' fuine cha robh a' mhin a' teireachdainn. Dh'innis fear dhe na seann sìthichean dhi ciamar a thigeadh aice air seo a dhèanamh. Fhuair i a-mach agus chaidh i dhachaigh, ach nuair a ràinig i an taigh bha cuid dhen chloinn nan athraichean, agus 's dòcha nan seanairean, ach bha i fhèin a cheart cho òg 's a bha i nuair a chaidh i a-steach don t-sìthean.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum Iain MacIllEathain (CM): ...seo a Dhòmhnaill a charaid.

Dòmhnall MacDhòmhnaill (DM): Uill, bha uaireigin ann a sheo, a Chaluim, 's tha mi cinnteach gun robh e co-cheangailte ri iomadach àite cuideachd, bha e air a chantail gun robh a leithid a rud agus sìthichean ann. Ach ma tha iad ann chun an latha an-diugh, chan fhiosrach dhòmhsa. Cha chreid mi gun cluinn mi duine a tha gam faicinn no gam faireachdainn. Ach co-dhiù, chuala mi gun robh a leithid seo a bhoireannach ann. Dh'fhalbh i agus dh'fhàg i clann bheag a-staigh, agus chaidh i a shealltainn às dèidh a' chruidh.

Uill, thàinig an duine seo oirre, agus thachair i a' tighinn rathad an t-sìthein e. 'S e sìthean far am biodh na sìthichean a' fuireach. Agus thàinig i an rathad aige agus fhuair i, seadh, fiathachadh a dhol a-staigh, an lùib an fheadhainn a bha a-staigh, agus seadh, bha an oidhche dorcha 's bha e doirbh dhi tilleadh air ais. Agus niste, an làrna-mhàireach cha robh e furasta dhi faighinn a-mach, a rèir mar a bha an naidheachd air a h-innse, ach thuirt iad rithe gum faigheadh i air falbh nuair a dh'fhuineadh i - dhèanadh i aran - a dh'fhuineadh i na bha de mhine anns a' chistidh mhòir a bh' ann an oisean an t-sìthein. Agus nuair a bhiodh sin deiseil aice, gum faigheadh i a-mach.

Uill, theann am boireannach bochd, tha e coltach, theann i air fuine, ach thuirteadh rithe nuair a theann i nach robh math dhi gearradh dhen fhallaid... an fhallaid a chur air ais dhan chistidh, ach gum feumadh i a chumail ann an àite dha fhèin.

Uill, bha am boireannach a' fuine 's a' fuine, a h-uile latha. 'S latha mar a bha a' dol seachad 's i a' sìor fhuine cha robh a' chiste a' dol dad na bu lugha. Bha a' chiste, an aon uiread mhine innte nuair a theannadh i a-rithist agus a bh' innte nuair a dh'fhàg i bhuaipe mu dheireadh i.

Ach an latha a bh' ann a sheo, cha robh a-staigh ach i fhèin agus fear dhe na seann sìthichean, tha mi cinnteach fear cho sean 's nach dèanadh feum a-muigh. Bha e a-staigh. Agus thuirt e rithe:

"Tha mi cinnteach," ars esan, "a bhean, gu bheil e a' cur mòran iongnadh ort," ars esan, "nach eil a' chiste a' dol an lughad?"

"Ò tha," ars ise.

"Uill, uair sam bith tuilleadh a bhios tu a' fuine, cuiridh tu," ars esan, "an fhallaid air ais dhan chistidh, am measg a' chòrr dhen mhin."

Seo mar a bha. Theann am boireannach air fuine, cumail a' dol, 's i a' tilleadh na fallaid air ais dhan chistidh an lùib na mine. Theann a' mhin a' dol sìos. Ach an latha a bh' ann a sheo, bha a' chiste gu bhith falamh. Theirig na bh' innte a mhin.

Thuirt i an uair sin ris an fheadhainn a bha a' gabhail, seadh, mar gum biodh ceannard air an t-sìthean:

"Tha," ars i siud, "ceann m' aimsir," ars ise, "thairis. Theirig a' mhin," ars ise.

"An do theirig?" ars am fear seo.

"Theirig."

"Ò gu dearbh," ars esan, "chan ann gun fhios a bhith oirre. Sheall e ma-thà, thachair sin," ars esan. "Ach ma thàinig ceann do thìm-sa," ars esan, "thàinig crìoch do bheatha-sa," ris 's e a' tionndadh ris a' bhodach. "Fhuair am boireannach a-mach bhuat."

Ach a rèir choltais, chuala mi gum faodadh gun do chuireadh crìoch air an fhear a thug comhairle dhi. Agus nuair a thill i dhachaigh, a rèir choltais, bha a' chlann bheag a dh'fhàg i a-staigh an oidhche a dh'fhalbh i às dèidh a' chruidh, bha a' chlann bheag a dh'fhàg i a-staigh nan athraichean, agus 's dòcha feadhainn aca nan seanairean, 's cha robh i fhèin dad na bu shine na bha i an oidhche a dh'fhàg i an taigh.

Bheil sibh a-nist a' creidsinn sin? Siud mar a chuala mise a-nist e, a Chaluim.

CM: Tha sin iongantach gu leòr a Dhòmhnaill. Tha i sin math a-niste.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math