Rannsaich

Mar a fhuair Clann 'ic Illeathain fearann Clann a' Mhaighsti...

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 37246
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.25.2; SA1963.25.3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.025

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair Clann MhicIllEathain fearann Clann a' Mhaighstir.

Tha am fiosraiche ag innse mar a bha fear de Chlann MhicIllEathain air cuideachadh a thoirt do Mhorair nan Eileanan agus dh'iarr e fearann bhuaithe. Thuirt e nach robh fearann ri fhaighinn, ach fhreagair MacIllEathain, "Dè mu dheidhinn fearann 'Fuich, fuich'?" Thug e dha cead fearann Clann a' Mhaighstir a thoirt bhuapa. Bha MacMhaighstir agus a mhac air am marbhadh le fir MhicIllEathain. Mharbh MacIllEathain fear-aiseig a' Chorrain a thug taic dha grèim fhaighinn air mac MhicMhaighstir (an Sionnach), air eagal 's gun dèanadh e an aon rud air MacIllEathain latha. Thug Morair nan Eileanan cead do MhacIllEathain air sgath 's gun do rinn MacMhaighstir dìmeas air, nuair a bha e na laighe tinn, leis na facail, "fuich, fuich" (leis an fhàileadh a bh' anns an t-seòmar).

Neach/Cuspair a' Chlàir

Clann MhicIllEathain; Clann a' Mhaighstir

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Àird Ghobhar

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacAonghuis (IM): 'S a-nise, bha... bha naidheachd eile agaibh mu Chlann a' Mhaighstir, Mac a' Mhaighstir, mar a chaidh... mar a chaidh Clann a' Mhaighstir a chur às an àite a bh' aig Clann 'IllEathain, nach ann? Ciamar a bha... ciamar a bha an naidheachd sin a' dol?

Alasdair Camshron (AC): Bha Morair nan Eileanan, bha e a' toirt seachad fearann don fheadhainn a bha ga chuideachadh. Chualaig fear de Chloinn 'IllEathain Dhubhaird, 's e thall an Èirinn, gun robh e ris a seo. 'S ghreas e cho luath 's a b' urrainn da do dh'Àird Tòirinis. 'S chaidh e far an robh am Morair 's thuirt e ris gun robh e ga chuideachadh daonnan agus gun robh e a' smaoineachadh gun robh còir aige air duais fhaotainn air a shon.

"Ò tha mi duilich," thuirt Morair nan Eileanan, "ach tha mi an dèidh a h-uile mìr fearainn a th' agam a thoirt seachad mar sin mar-thà. Ach dè mu dheidhinn," thuirt e, "fearann aig Fuich, Fuich? Leum an gàrradh far an ìsle e."

Thuig am fear eile sin agus dh'fhalbh e fhèin leis a' bhirlinn aige air an robh ochd Boidhdich agus ochd de Chloinn 'ic an Lèigh. 'S chaidh iad air tìr an Àird Ghobhar, 's chaidh iad a dh'iarraidh aoigheachd airson na h-oidhche air Mac a' Mhaighstir. 'S cha tug e dhaibh e. 'S glè choltach gun do mharbh iad an sin fhèin e.

Theich mac Mhic a' Mhaighstir, ris an abradh iad an Sionnach, 's rinn e air aiseag a' Chorrain. Ach bha fear an aiseig, dom b' ainm Mac a' [?Ghurraslaich], bha e a-mach ag iasgach airson chudainnean, [?man tuirt sinn]. Laigh am fear eile ris air tighinn air tìr, 's cha tigeadh e. Chùm Mac an t-Sionnaich air 's Clann 'IllEathain às a dhèidh, 's chaidh a mharbhadh shuas aig... faisg air Àirigh Shuarlain, ri àite ris an abradh iad Càrn an t-Sionnaich. Bha càrn ann rim chiad chuimhne-sa ceart gu leòr ach, chan eil... glè choltach, ris an rathad ùr a chaidh a dhèanamh, gun deachaidh a chur às.

Bha Mac a' [Ghurraslaich] a' smaoineachadh gun do rinn e seirbheis mhath dha fhèin, ach nuair a fhuair MacIllEathain grèim air, thuirt e ris:

"'S duine cunnartach thusa ann an dùthaich - an rud a rinn thu Mac a' [?Ghurraslaich]... a rinn thu air Mac an t-Sionnaich an-dè, dhèanadh tu ormsa a-màireach."

'S chroch e air na ràimh aige fhèin air àite ris an abair iad Camas an t-Salainn.

IM: Seadh, dìreach. Shuas aig a' Chorran.

AC: Tha e shuas aig a' Chorran.

IM: Dìreach. 'S dè their iad ris an linne a tha sin, a-nise, a-mach on... a-mach o far a bheil an taigh-òsta an-diugh? A bheil ainm air an linne a tha sin?

AC: Dad ort a-nise. Ach dad ort, an e... dar a thèid thu far a' Chorrain, 's e an Linne Dhubh cha chreid mi a their iad ri... a theireadh iad suas ri... bhon Linne Sheileach, dar a bha thu a-staigh do Loch Iall, 's e Linne... cha chreid mi nach e an Linne Dhubh a bha a' dol suas bho às dèidh an Linne Sheileach, ach chan eil mi tuillidh 's cinnteach às a sin an-ceartuair.

IM: Dìreach, dìreach. Agus dè...

AC: Ach tha an Linne Sheileach a' sgur aig a' Chorran. Tha Loch Iall a' tòiseachdainn....

IM: Seadh, seadh. An Linne Sheileach a-staigh gu ruige duine an Corran, agus an uair sin...

AC: Cha chreid mi nach e An Linne Dhubh a theireadh iad, ach chan eil mi... chan eil mi a' dol a ghràdhainn...

IM: Gun teagamh. Agus a-nise, dè bu chiall do 'Fuich, fuich'? Dè bha seo? Bha naidheachd eile co-cheangailte ris a seo, nach robh?

AC: Bha. Thachair do Mhorair nan Eileanan a bhith bochd, na laighe gu tinn, 's chaidh Mac a' Mhaighstir a choimhead air, 's dar a dh'fhosgail e doras an t-seòmair seo, far an robh Morair nan Eileanan na laighe, bha boladh car trom ann mar is minig a bhitheadh ann an seòmar tinneas. Agus: "Fuich, fuich," thuirt e. 'S glè choltach gun do ghabh am fear eile san t-sròn e, 's chùm e cuimhne air.

IM: Dìreach.

AC: Sin mar a chuala mise.

IM: Dìreach.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math