spacer
spacer

Donnchadh Bàn agus a mhiann adharc gobhar fhaighinn airson c...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Donnchadh Bàn agus a mhiann adharc gobhar fhaighinn airson c...
Fiosraichean - Alasdair Camshron
Luchd-clàraidh - Dr Iain MacAonghuis
Item Person - Mac an t-Saoir, Donnchadh Bàn

Geàrr-chunntas - Donnchadh Bàn agus a mhiann adharc gobhar fhaighinn airson cas sgian dubh.

Bha am bàrd Donnchadh Bàn tric a dol air chuairt ann an Gleann Urchaidh agus bhiodh e a fuireach còmhla ri cìobair air an robh MacNeacail. Bha Donnchadh Bàn an còmhnaidh aig iarraidh adharc gobhar air a' chìobair, airson cas sgian dubh a dhèanamh, ach dhiùlt an cìobair e. Aon latha ge-tà, ghlac an cìobair boc-ghobhar, mharbh e am beathach agus fhuair e adharc dha Donnchadh. Chaidh an dithis aca chun a' ghobha airson sgian fhaighinn. Cha robh an gobha ag iarraidh pàigheadh airson an sgian a dhèanamh ach dh'iarr e air Donnchadh rann a thoirt dhà. Tha am fiosraiche ag aithris an dàn agus a mìneachadh cuid de na facail.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:00:22
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd, Rannan is Bàrdachd, Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 37248
Àireamh an Teip Thùsail - SA1963.025
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1963.25.5
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
  Paraiste - Gleann Urchaidh is Innis Fhàil

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/37248/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:00:22)
Cluich pàirt 2 (00:03:46)




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA