spacer
spacer

Blàr Chàirinis agus Teampall na Trianaid.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Blàr Chàirinis agus Teampall na Trianaid.
Fiosraichean - Dòmhnall MacIllEathain
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Blàr Chàirinis agus Teampall na Trianaid.

B' e Mac Iain 'ic Sheumais ceannard nan Dòmhnallach agus Mac Dhòmhnaill Ghlais ceannard Chlann MhicLeòid na Hearadh. Bha na Hearaich a' tighinn air tìr ann an Loch Euphort airson creachadh. Aon latha, nuair a bha Mac Iain 'ic Sheumais ann am Beinn a' Bhadhla, thàinig na Hearaich. Bha a' mhuime aige ann an Càirinis, thòisich i ag èigheach, agus chuala e i ann am Beinn a' Bhadhla. Choinnich an dà bhuidhinn ri chèile aig Eilean na Còmhraig agus a-rithist aig Leathad na Buaile. Chaidh Mac Iain 'ic Sheumais a leòn.

Chaidh na Hearaich a ruagadh. Dh'fhalbh Mac Dhòmhnaill Ghlais a-mach taobh a' Bhaile Shear gus an do ràinig e an oitir. Chaidh Mac Iain Mhòir à Iolaraigh air a thòir agus mharbh e e. 'S e Oitir Mhic Dhòmhnaill Ghlais as ainm dhan oitir. Tha am fiosraiche a' smaoineachadh gun robh an ceann aige, a bha glè mhòr, ri fhaicinn os cionn na talmhainn anns a' chladh aig Teampall na Trianaid. Tha cuimhne aige air seo fhaicinn nuair a bha e mu aois seachd bliadhna.

Bha buidheann de chreachadairean às na Hearadh anns an teampall agus bha iad ag ithe mart a bha iad air a mharbhadh agus air a ròstadh. Bhruidhinn fear aca le dùbhlan agus cuideachd gu toibheumach mu ìomhaigh na Trianaid a bha air an teampall. Thàinig saighead agus bhàsaich e sa bhad.

Nuair a thuit ceann an teampaill, bhrist ìomhaigh na Trianaid. Thug Raibeart Fearghasdan dhachaigh cuid dhe na clachan airson an cur eadar an crodh aige anns a' bhàthaich.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:09:30
Àm Clàraidh - 1962.10
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd, Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 37446
Àireamh an Teip Thùsail - SA1962.044
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1962.44.B3
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Tuath
  Eilean - Uibhist a Tuath
  Baile/Àite - Càirinis

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/37446/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA