Rannsaich

Blàr Chàirinis agus Teampall na Trianaid.

Ceann-latha October 1962
Àireamh a’ chlàir 37446
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1962.44.B3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1962.044

Geàrr-chunntas

Blàr Chàirinis agus Teampall na Trianaid.

B' e Mac Iain 'ic Sheumais ceannard nan Dòmhnallach agus Mac Dhòmhnaill Ghlais ceannard Chlann MhicLeòid na Hearadh. Bha na Hearaich a' tighinn air tìr ann an Loch Euphort airson creachadh. Aon latha, nuair a bha Mac Iain 'ic Sheumais ann am Beinn a' Bhadhla, thàinig na Hearaich. Bha a' mhuime aige ann an Càirinis, thòisich i ag èigheach, agus chuala e i ann am Beinn a' Bhadhla. Choinnich an dà bhuidhinn ri chèile aig Eilean na Còmhraig agus a-rithist aig Leathad na Buaile. Chaidh Mac Iain 'ic Sheumais a leòn.

Chaidh na Hearaich a ruagadh. Dh'fhalbh Mac Dhòmhnaill Ghlais a-mach taobh a' Bhaile Shear gus an do ràinig e an oitir. Chaidh Mac Iain Mhòir à Iolaraigh air a thòir agus mharbh e e. 'S e Oitir Mhic Dhòmhnaill Ghlais as ainm dhan oitir. Tha am fiosraiche a' smaoineachadh gun robh an ceann aige, a bha glè mhòr, ri fhaicinn os cionn na talmhainn anns a' chladh aig Teampall na Trianaid. Tha cuimhne aige air seo fhaicinn nuair a bha e mu aois seachd bliadhna.

Bha buidheann de chreachadairean às na Hearadh anns an teampall agus bha iad ag ithe mart a bha iad air a mharbhadh agus air a ròstadh. Bhruidhinn fear aca le dùbhlan agus cuideachd gu toibheumach mu ìomhaigh na Trianaid a bha air an teampall. Thàinig saighead agus bhàsaich e sa bhad.

Nuair a thuit ceann an teampaill, bhrist ìomhaigh na Trianaid. Thug Raibeart Fearghasdan dhachaigh cuid dhe na clachan airson an cur eadar an crodh aige anns a' bhàthaich.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Càirinis

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math