Mar a chaidh croit a thoirt far aon neach agus a chur air ne...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1958.78.2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a chaidh croit a thoirt far aon neach agus a chur air neach crotach eile.
Dh'fhalbh fear le croit a dh'iarraidh uisge-beatha na Callainn. Air an t-slighe dhachaigh leig e anail aig cnoc mòr uaine. Chuala e an ceòl bu bhrèagha a chuala e a-riamh agus chaidh e a-staigh. Shìn e air dannsa 's air ceòl cuide riutha. Thug iad dheth a' chroit agus chaidh e dhachaigh. Bha e air a bhith air falbh bliadhna.
Dh'innis e mar a thachair dha agus chaidh fear eile le croit a dh'iarraidh uisge-beatha na Callainn. Thachair an aon rud dhàsan, ach cha do rinn e dad nuair a chaidh e don chnoc agus chuir iad croit an duine eile air uachdar na croite aige fhèin.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Cataibh
Paraiste - Craoich
Baile/Àite - Srath Òiceall
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Seòrsachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Meadhanach Math