Rannsaich

A' cleachdadh cairidh airson rionnach a ghlacadh.

Ceann-latha October 1962
Àireamh a’ chlàir 38022
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1962.45.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1962.045

Geàrr-chunntas

A' cleachdadh cairidh airson rionnach a ghlacadh.

Bha a' chairidh airson rionnach a ghlacadh. Bha an rionnach a' tighinn a-steach a loch anns a' Chèitean agus a' fuireach chun na Sultain. Bha an rionnach a' dol a-steach dhan chairidh leis an reothairt agus chan fhaigheadh iad às. Bha a h-uiie duine anns a' bhaile, agus cuideachd à bailtean eile, a' dol a dh'iarraidh an rionnaich agus ga thoirt dhachaigh ann am pocannan. Bha iad a' feuchainn cò bu mhotha gheibheadh. Bha cuid a' faighinn dusan poca, cuid nach fhaigheadh ach trì no ceithir. Bha lìn aig feadhainn. Bha feadhainn eile ga thogail len làmhan. Gheibheadh an neach a bha ri taobh a' ghàrraidh barrachd oir bha an rionnach a-staigh ann an toill a' ghàrraidh. Bha seo a' tachairt aon uair as t-samhradh agus glè ainneamh dà thuras.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Loch Euphort

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math