Rannsaich

Alasdair MacIlleMhìcheil a' cruinneachadh stuth.

Ceann-latha 1963
Àireamh a’ chlàir 38104
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.67.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.067

Geàrr-chunntas

Alasdair MacIlleMhìcheil a' cruinneachadh stuth.

Tha cuimhne aig an fhiosraiche air a h-athair a' toirt sgeulachdan agus bàrdachd do dh'Alasdair MacIlleMhìcheil nuair a bha e a' cruinneachadh stuth.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Carmichael, Alexander

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus nach robh sibh ag innse dhomh gun robh ur n-athair a' toir naidheachdan agus rannan do Charmìcheal?

Màiri Anna NicAonghais (MA): Bha.

DE: 'S tha cuimhn' agaibh fhèin air a seo?

MA: Ò, tha cuimhn' agam fhìn air, e a bhith ga thoirt dha.

DE: Seadh.

MA: Tha.

DE: Seadh. Cò a' bhliadhna a bhiodh a sin, saoil? A bheil cuimhne...?

MA: Ò, chan eil sìon a chuimhn' agamsa, m' eudail. Cha robh mi ach òg, òg, òg. Cha robh. Ach gu bheil cuimhne agam air, Carmìcheal, le feusag mhòr bhàn air. Duine mòr, mòr, àrd, garbh, agus breacan air a ghualainn agus èileadh beag.

DE: Seadh, gu dearbh.

MA: Sin agad na bheil a chuimhne agamsa air Carmìcheal.

DE: 'S bha mòran dhe na naidheachdan a bha seo aig ur n-athair?

MA: Bha. Agus aig piuthar m' athar.

DE: Seadh, gu dearbh.

MA: Bha.

DE: Agus a bheil beachd sam bith agaibh cò aig a chuala ur n-athair agus piuthar...

MA: Ò, aig athair fhèin, tha mi cinnteach, 's aig na seann daoine a bhiodh ann a sheothach.

DE: 'S ann, dìreach. 'S ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math