spacer
spacer

Mar a thàinig guirmean a dh'Alba.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Mar a thàinig guirmean a dh'Alba.
Fiosraichean - Pàdraig MacCarmaig
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Mar a thàinig guirmean a dh'Alba.

Tha am fiosraiche ag innse sgeulachd a chuala e aig fear Mìcheal Moireasdan. Fhuair balach beag à Barraigh air bòrd soitheach mòr a bha aig acair faisg air an eilean. Chaidh an soitheach air bhòidse dha na h-Innseachan. Bha meite an t-soithich a' coimhead às a dhèidh agus nuair a thàinig iad gu tìr, thug e am balach gu tuathanach air an robh e eòlach. Thug an tuathanach obair dhan bhalach a' gearradh connadh anns a' choille. A' chiad là anns a' choille thàinig duine agus thug am balach dha biadh. Lìon an duine bara a' bhalaich le connadh. An ath là, bha dithis dhiubh ann agus air an treas là bha triùir ann. A h-uile là bhiodh am balach a' toirt dhaibh biadh agus bhiodh iadsan a' lìonadh a' bhara le connadh. Aon là thug na fir leotha am balach gu uamh anns an robh iad a' fuireach. Sheall am balach dhaibh ciamar a ròstadh iad feòil eun agus bha iad gu math toilichte. Lìon iad am bara aige le slatan òir. Chaidh am balach air ais dhan tuathanach agus leis a chuideachadh cheannaich e oighreachd mhòr. Nuair a thàinig meite an t-soithich air ais gu na h-Innseachan, cheannaich am balach soitheach dha, agus lìon e am bàta le guirmean; a' chiad ghuirmean a-riamh a thàinig a dh'Alba.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:14:36
Àm Clàraidh - 1963.10-12
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 38247
Àireamh an Teip Thùsail - SA1963.066
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1963.66.A5
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT1651;

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/38247/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA