Rannsaich

Mar a thàinig guirmean a dh'Alba.

Ceann-latha c. November 1963
Àireamh a’ chlàir 38247
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.66.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.066

Geàrr-chunntas

Mar a thàinig guirmean a dh'Alba.

Tha am fiosraiche ag innse sgeulachd a chuala e aig fear Mìcheal Moireasdan. Fhuair balach beag à Barraigh air bòrd soitheach mòr a bha aig acair faisg air an eilean. Chaidh an soitheach air bhòidse dha na h-Innseachan. Bha meite an t-soithich a' coimhead às a dhèidh agus nuair a thàinig iad gu tìr, thug e am balach gu tuathanach air an robh e eòlach. Thug an tuathanach obair dhan bhalach a' gearradh connadh anns a' choille. A' chiad là anns a' choille thàinig duine agus thug am balach dha biadh. Lìon an duine bara a' bhalaich le connadh. An ath là, bha dithis dhiubh ann agus air an treas là bha triùir ann. A h-uile là bhiodh am balach a' toirt dhaibh biadh agus bhiodh iadsan a' lìonadh a' bhara le connadh. Aon là thug na fir leotha am balach gu uamh anns an robh iad a' fuireach. Sheall am balach dhaibh ciamar a ròstadh iad feòil eun agus bha iad gu math toilichte. Lìon iad am bara aige le slatan òir. Chaidh am balach air ais dhan tuathanach agus leis a chuideachadh cheannaich e oighreachd mhòr. Nuair a thàinig meite an t-soithich air ais gu na h-Innseachan, cheannaich am balach soitheach dha, agus lìon e am bàta le guirmean; a' chiad ghuirmean a-riamh a thàinig a dh'Alba.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT1651

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math