Rannsaich

Mar a chuidich sgiobair bàta cailleach nuair a chaidh a dach...

Fiosraichean
Ceann-latha 10 December 1959
Àireamh a’ chlàir 38556
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.7.B6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.007

Geàrr-chunntas

Mar a chuidich sgiobair bàta cailleach nuair a chaidh a dachaigh na theine le meall-teine.

Bha sgoth seòlaidh ann, agus an oidhche bha seo thàinig droch shìde oirre agus ghabh iad fasgadh aig Rubha Ùisinis. Bha iad ann airson lathaichean, agus air an oidhche bha seo bha an sgiobair a' coiseachd air an deac nuair a chunnaic e meall-teine a' tuiteam às na speuran a dh'ionnsaigh taigh beag a bha ri taobh a' chladaich. Thòisich an coileach a' gairm agus dh'fhalbh am meall-teine. Chunnaic e an rud cianda a h-uile h-oidhche. Air a' cheathramh oidhche, chaidh e dhan taigh agus bha seann chailleach agus gille a' fuireach ann. Thug e air bòrd na sgotha iad, agus thug iad leotha an coileach cuideachd. Chunnaic iad am meall-teine a-rithist, agus bhuail e an taigh agus chaidh an taigh na theine.

Cha robh fhios aig a' chailleach dè dhèanadh i, agus thuirt an sgiobair gun togadh esan agus an sgioba aige taigh eile dhi. Bha a' chailleach 's a gille a' fuireach air an sgoth gus an robh an taigh deiseil. Nuair a bha e ullamh, thug an sgiobair dhaibh biadh agus min bhon bhàta. Thuirt e gu feumadh gur e àite di-mollaichte a bh' ann, agus gum bu chòir dhaibh uisge coisrigte a chrathadh am beulaibh an taighe agus gum biodh iad ceart gu leòr an uair sin.

Dh'fhalbh an sgiobair an uair sin, agus nuair a dh'acraich e san àite chianda a-rithist, bha an gille na dhuine tapaidh agus bha a' chailleach glè dheireannach. Thuirt an sgiobair rithe gun toireadh e an gille còmhla ris air an sgoth an ath thriop a thàinig e a dh'Uibhist.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Ùisinis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math