Rannsaich

Mar a fhuair Coinneach Odhar a' chlach a thug dha an dà-shealladh.

Ceann-latha September 1958
Àireamh a’ chlàir 39695
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1958.85.A6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1958.085

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair Coinneach Odhar a' chlach a thug dha an dà-shealladh, agus mar a thachair dha.

Dh'innis athair an fhiosraiche dhi gum buineadh Coinneach Odhar do mhuinntir Ailein Duibh na Tòisich. Chunnaic tè a bha a' faire cladh uaighean a' fosgladh agus na daoine a' falbh. Thill iad gu lèir ach aon, agus dh'fhuirich an uaigh sin fosgailte. Chuir i cuigeal tarsainn air an uaigh agus thug i air an tè dam buineadh an uaigh innse dhi dè chùm i. 'S e nighean rìgh Lochlainn a bh' innte, a chaidh a bhàthadh, agus le sin bha astar fada aice ri dhol. Thuirt a' bhana-phrionnsa rithe gum faigheadh i clach air a' chladach. Thuirt i rithe gum biodh balach aice air am biodh Coinneach mar ainm, agus a' chlach a thoirt dha nuair a bhiodh e ceithir bliadhn' deug a dh'aois. Rinn i sin. Choimhead Coinneach dhan chloich agus chunnaic e gun robh puinnsean na dhinnear.

Bha fios aig Coinneach gun robh fear a' tighinn a choimhead air boireannach fhad 's a bha an duine aice air falbh. Dh'iarr ise air daoine Coinneach a losgadh. Thiodhlaic e a' chlach. Thuirt e gun tigeadh trì fithich agus trì calmain agus nam buannaicheadh na calmain an luath aige, bhiodh anam sàbhailte. Ràinig na calmain an luath ro na fithich.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Coinneach Odhar

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain: Chan eil cuimhne sam bith agaibh a-nist, bha iad... gum biodh iad a' falbh dhan chladh, a bheil fhios a'd, a' dol mu chuairt a' chladh air latha àraid?

Peggy MacDonald: Uill, chan eil cuimhn' a'm, fhios agad... an àm Choinnich Odhair. Bha mi a' faighneachd dha m' athair ciamar a bha Coinneach Odhar, agus thuirt e rium gur ann a mhuinntir Eilean Dubh na Tòisich a bha e.

Agus bhiodh iad ag aire cladh an uair sin, agus an tè sa, bha i ag aire a' chladh, agus chunnaic i na daoine, na h-uaghannan a' fosgladh, agus a' falbh. Agus an sin chunnaic i iad a' tighinn agus bha a h-uile gin dhiubh a' dol dha leabaidh fhèin.

Ach bha aon uaigh ann, agus bha i gun dùnadh, agus dh'fhalbh i sìos agus chuir i a' chuigeal tarsainn air roimhpe. Agus thàinig an sin i seo, agus thuirt i:

"Tog siud às a siud," ars ise, "agus leig mise nam leabaidh fhìn."

"Cha tog," ars an tè eile, "gu 'n innis thu gu dè a chùm thusa air deireadh air càch."

"An-tà," ars ise, "on a bha thu cho tapaidh, nì mi sin. 'S e nighean Rìgh Lochlainn a bh' annamsa," ars ise, "'s chaidh mo bhàthadh," ars ise, "'s thàinig mo chorp shìos an sin," ars ise. "'S ann an seo a chaidh mo thiodhlacadh," ars i fhèin, "agus bha an t-astar fada agamsa nach robh aig càch. Ach on a tha thu cho tapaidh," ars ise, "thig thusa a-nuas a-màireach," ars ise, "agus gheibh thu clach air a' chladach shìos an sin," ars ise, "'s bheir thu leat i. Agus bidh balach agad fhathast air a bheil Coinneach," ars ise, "agus nuair a bhios e ceithir bliadhn' deug bheir thu dha a' chlach."

Agus 's e sin a rinn i. Agus thàinig i an làrna-mhàireach 's fhuair i a' chlach.

Agus nuair a bha e ceithir bliadhn' deug bha e a' dol a bhuachailleachd, agus dh'fhalbh i 's thug i a' chlach dha. Agus dh'fhalbh e, agus chuir a' chailleach a-mach a dhinnear thuige, agus sheall e anns a' chloich agus chunnaic e gun robh puinnsean anns an dinneir aige, agus dh'fhalbh e 's thug e dhan chù i, agus bhàsaich an cù. Nuair a chaidh e dhachaigh:

"Càit," ars ise, "a bheil an cù?"

"Dh'ith an cù mo dhinnear-sa," ars esan, "'s bhàsaich e."

Agus sin agad mar a thòisich Coinneach Odhar. Agus an sin, bha fear a' tighinn a choimhead air an tè sa. Bha an duine aice fhèin air falbh 's bha am fear sa a' tighinn a choimhead oirre. 'S bha fhios aig Coinneach air a seo. Agus bha e a' tighinn, agus dh'fhalbh i sin agus chuir i ann an cistidh e. Agus co-dhiù, nuair a fhuair e an cothrom dh'fhalbh e.

Agus dh'fhalbh ise sin agus chruinnich i daoine agus dh'iarr i orra Coinneach a losgadh. Agus dh'fhalbh iad leis, ga losgadh. Agus thuirt e... fhuair e a' chlach a bh' aige, thiodhlaic e ann an lorg mairt i, agus tha loch mòr an-diugh ann. Thiodhlaic e ann an lorg mairt i agus thuirt e:

"Nist," ars esan, "nuair a loisgeas sibh mise, an luath agam," ars esan, "chì sibh," ars esan, "trì fithich a' tighinn," ars e fhèin, "agus," ars esan, "thig an sin," ars esan, "trì chalmain," ars esan. "Agus ma bhuannaicheas na calmain," ars esan, "an luath agamsa," ars esan, "ro na fithich, bidh m' anam sàbhailte. Ach mas e na fithich," ars esan, "a bhuannaicheas an toiseach," ars esan, "bidh mise a dhìth," ars esan. "Ach mas e na calmain," ars esan, "a bhuannaicheas," ars esan, "agus càth sibh i sin," ars esan, "an luath agam leis a' ghaoith."

Agus thàinig an duine-uasal sa dhachaigh 's dh'fhaighneachd e cà robh Coinneach.

"Bha Coinneach, dh'fhalbh iad," ars ise, "a losgadh Coinneach."

'S dh'fhalbh e le pònaidh feuch am beireadh e air Coinneach gun losgadh 's bha Coinneach air a losgadh nuair a ràinig e.

Agus chunnaic iad an sin na fithich a' tighinn, agus gnòg gnòg gnòg aca, agus bha iad gus a bhith aca nuair a thàinig na trì chalmain 's chuir iad car mun cuairt orra 's bhuail iad anns an luathaidh. Agus sin nuair a thog iad an luatha 's a chàth iad leis a' ghaoith i.

Sin agad mar a chuala mise aig m' athair. Chan eil fhios a'm co-dhiù...

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math