Rannsaich

Prògram Choinnich - Prògram na Drochaid

Luchd-agallaimh
Ceann-latha 16 October 1995
Àireamh a’ chlàir 39773
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 16.10.1995

Geàrr-chunntas

Beachdan air cìsean Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Tha Teàrlach MacFhionghain a' toirt seachad a bheachdan air cìsean Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Notaichean a' Chlàir

This item is part of a special programme broadcast on the day that the Skye Bridge was officially opened.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - An Srath

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Caol Àcain

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Alasdair Moireasdan (AM): Uill tha sinn a' cluinntinn mòran mu dheidhinn eachdraidh na drochaid. Tha sinn a' cluinntinn mu dheidhinn na h-aiseagan. Tha sinn a' cluinntinn mu dheidhinn na bailtean. Ach dè mu dheidhinn na croitearan? Uill, tha aon chroitear dìreach air tighinn a-staigh an-dràsta, 's bha e ag innse dhomh gun robh e... gun robh e shuas an Goillspidh ach gun do thill e dhachaigh airson a' phrògraim seo fhèin, agus bu fhèin am balach. Shin agaibh Teàrlach MacFhionghain. Madainn mhath, a Theàrlaich.

Teàrlach MacFhionghain (TM): Madainn mhath. Chan eil mi glè chinnteach an e madainn no oidhche a th' ann, mar a tha cùisean a' dol o chionn trì no ceithir a lathaichean.

AM: Sin a' bhuaidh a bhios Mòd a' toirt air daoine co-dhiù.

TM: Ò tha mi cinnteach gur e. Ach mar a thuirt thu, tha mise an dèidh tighinn a-nuas à Goillspidh, agus chaidh mi suas ann, chaidh mi thairis air trì drochaidean, thàinig mi a-nuas, thàinig mi thairis air trì drochaidean, agus bha iad saor 's an-asgaidh, agus mura robh mi airson a dhol orra, uill bha roghainn agam tighinn rathad eile. Ach nuair a thig thu gu Drochaid a' Chaoil, chan eil dòigh an còrr agad air ach tighinn tarsainn oirre, agus a' chìs a tha seo a phàigheadh, agus saoilidh mi gu bheil e gun tùr, a' chìs a tha seo a phàigheadh nuair nach eil dòigh eile air tighinn chun an eilein ach tarsainn air an drochaid.

AM: Mar sin, cha bhi sibhse a' cur fàilte sam bith air Mìcheal còir an-diugh?

TM: Ò gu dearbha, chan eil. Ach tha mise coma ged nach biodh a' chìs ach trì buinn-a-sia. 'S e an rud as riatanaiche gum faicinn-sa gum biodh bàta-aiseig na shuidhe an siud a' feitheamh. Gu cinnteach, dùinidh an drochaid gu math tric air sàillibh droch shìde, agus ma bhitheas, mar eisimpleir, fèill chruidh mhòr ann an Inbhir Pheofharain goirid an dèidh na Bliadhn' Ùire, agus bidh trì no ceithir a luchdan crodh a' falbh às an eilean chun na fèille a tha sin, a-nise ma tha droch shìde gu bhith ann, rud a dh'fhaodas tu a bhith glè chinnteach às mun àm ud a bhliadhna, nuair a ruigeas na lorries an drochaid 's tha i dùinte, dè tha iad a' dol a dhèanamh an uair sin? Chan eil aca ach tilleadh dhachaigh 's an crodh a chur air ais chun nan daoine bhon tug iad iad, agus chan eil fhios a'm cò phàigheas airson a' chosgais a tha sin, air neo feumaidh iad dèanamh air Ùige, tarsainn chun an Tairbeirt, suas gu Steòrnabhagh, tarsainn a dh'Ulapul, agus an uair sin, ge bith cuin a ruigeas iad Inbhir Pheofharain, ach tha sin a' dol a-rithist a chosg an t-uabhais dhaibh.

AM: Seadh. Tha sibh... mòran an-còmhnaidh a' ràdh gu bheil i a' dol a bhith dùinte air sàillibh na gaoithe. Dè an dearbhadh a th' aig daoine?

TM: Uill tha aon dearbhadh agamsa air shìos ann an Lunnainn. 'S aithne dhan a h-uile duine an Dartford Tunnel, mar a chanas iad. A-nise, tha de thraffic ann a shin nach robh an tunail comasach air an toirt uile tarsainn, agus thog iad drochaid mu chairteal a mhìle no dòcha nas lugha na sin bhon an tunail. Nise, air an fhoghar sa mar-thà, tha an drochaid a tha sin air bhith dùinte trì tursan air sàillibh na gaoithe, agus tha fhios aig an t-saoghal gu bheil a' ghaoth fada, fada nas làidire 's nas trice a-bhos an seo, agus chan eil dòigh no rian nach bi. Chan e neart na gaoithe buileach as coiriche, ach an àird bho bheil i a' tighinn, agus an tè as miosa na mo bheachd-sa ann a sheo, 's e an tè as làidire a bhios ann, 's e a' ghaoth an iar-thuath as motha a bheir buaidh air an drochaid a tha sin, agus glè thric ruithidh na h-aiseagan ged a bhitheadh gaoth làidir bhon iar-thuath ann, ach chan eil mi a' faicinn gun urrainn dhan drochaid a bhith fosgailte.

AM: Mar chroitear, a' coimhead air adhart ri fèilltean, àm sònraichte 's lathaichean sònraichte airson croitear sam bith, tha sibh draghail?

TM: Tha a h-uile duine aig a bheil stoc draghail. Bha, mar eisimpleir, bha sale chaorach ann am Port Rìgh Diluain sa chaidh. Bha còrr air ceithir mìle caora ann, agus bha an luchd-ceannaich agus na h-auctioneers air tighinn far tìr-mòr. Nise, nan robh an drochaid air a bhith fosgailte an uair sin, agus sìde a th' air a bhith an latha ron a sin, seachdain an-dè, bhitheadh an drochaid dùinte gu mionnaichte, agus bhiodh na caoraich air an cruinneachadh am Port Rìgh 's gun duine gan iarraidh, 's cò bha a' dol a phàigheadh airson an toirt air ais dhachaigh? Tha cosgaisean uabhasach nach eil daoine a' faicinn fhathast gu bhith an lùib na drochaid a tha seo mura h-eil aiseag gu bhith na shuidhe deiseil airson a dhol tarsainn nuair a bhitheas gaoth làidir ann a bhios a' dùnadh na drochaid.

AM: Saoil am bi sinn air sìon dheth seo a chluinntinn mura bitheadh cìsean? Nam b' e, can, dà fhichead sgillinn a bhith ann mar a tha air Drochaid Erskine, am biodh sinn air draghan seo a chluinntinn, no am biodh... am biodh daoine dìreach a' coimhead ris an drochaid 's a' ràdh, ò 's e leasachadh mìorbhaileach a th' ann?

TM: Tha mi glè chinnteach gum biodh Aonadh nan Croitearan agus Aonadh nan Tuathanaich air seo a thoirt fo aire dhaoine, ged nach bitheadh, mar a thuirt mi, ged nach biodh cìs ann ach trì buinn-a-sia, 's e faotainn air ais 's air adhart le stoc an rud as riatanaiche uile.

AM: Tapadh leibh, a Theàrlaich. 'S fheàrr dhuibh norrag cadail a dhèanamh mus till sibh suas a Ghoillspidh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math