Prògram Choinnich
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Dealbh-chluich ùr ga chur air an àrd-ùrlar airson 250 bliadhna bho Bhliadhna Theàrlaich a chomharrachadh.
Tha Criosaidh NicEachainn, a tha na ball ann an Cluicheadairean Loch Abar, ag innse mar a chaidh a' bhuidheann dràma ionadail seo a chur air bhonn bho chionn ghoirid a dh'aon ghnothach airson dealbh-chluich ùr a' comharrachadh 250 bliadhna bho Bhliadhna Theàrlaich a chur air an àrd-ùrlar. Tha an dealbh-chluich air a stèidheachadh air togail na bràtaiche aig Gleann Fhionghain agus tha an sgeulachd ga h-innse tro chòmhradh, òran, ceòl agus dannsa. 'S e Raghnall MacEallaig à Gleann Fhionghain stiùiriche an dràma. Thèid an dealbh-chluich a chur air an àrd-ùrlar aig fèis dràma anns a' Ghearasdan anns a' Chèitean.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Paraiste - Steòrnabhagh
Eilean - Leòdhas
Baile/Àite - Steòrnabhagh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Baile/Àite - Loch Abar
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Meadhanach Math