spacer
spacer

Mar a thug duine an car à robair.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Mar a thug duine an car à robair.
Fiosraichean - Angus Cameron
Luchd-clàraidh - Calum Iain MacIlleathain

Geàrr-chunntas - Mar a thug duine an car à robair.

Bha sianar robairean ann a bhiodh a' goid air feadh na h-oidhche. Thug iad taigh-òsta bho dhuine agus chuir iad a-mach e. Chaidh iad fhèin a dh'fhuireach innte, le piuthar dhaibh agus nighean eile.

Chaidh tuathanach a robaigeadh air an t-slighe dhachaigh bhon bhanca. Thachair a cheart rud ri gillean a chuir e dhan bhanca. Thuirt an duine seo gun rachadh e ann dha. Chuir e sligean agus pàipear ann am pasgan agus dh'fhalbh e air beathach nach robh uamhraidh luath. Thachair an robair ris agus dh'iarr e a chuid airgid. Thàinig e far an eich agus thilg e air falbh am pasgan a bh' aige. Chaidh an robair às a dhèidh. Leum an duine air muin each an robair agus chaidh e dhachaigh.

Thug e an t-airgead dhan tuathanach agus dh'fhalbh e dhan taigh-òsta. Chuir e air seann aodach a shrac e agus chuir e poll air aodann. Thug am boireannach san taigh-òsta tì dha. Dh'innis e dha fear dhe na robairean gu robh e ag obair ann an àite far nach robh e a' faighinn mòran airgid. Dh'innis an robair dha mu dheidhinn an duine a thug a char às. Thuirt e gur e an rud bu mhiosa mu dheidhinn gu robh dìollaid an eich a ghoid an duine làn airgid.

Dh'fhalbh e dhachaigh, thug e an t-airgead às na pocannan a bha air dìollaid each an robair agus thug e dhan tuathanach e. Chùm e fhèin an dàrna leth.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:09:16
Àm Clàraidh - 1958.10
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 40305
Àireamh an Teip Thùsail - SA1958.088
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1958.88.B12+89.A1
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/40305/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:09:16)
Cluich pàirt 2 (00:02:03)




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA