Ealachan, ròin agus criomag de dh'òrain luaidh.
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
October 1958
Àireamh a’ chlàir
40342
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1958.89.B6
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Ealachan, ròin agus criomag de dh'òrain luaidh.
Tha an neach-clàraidh a' toirt iomradh air mar a bha daoine a' creidsinn gur e clann rìgh fo gheasaibh a bh' anns na h-ealachan. Iomradh air Clann MhicCodrum nan Ròn. Tha am fiosraiche ag aithris chriomagan de dh'òran luaidh mu ròn a' dol ann an riochd boireannaich.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Calum MacIllEathain (CM): Bha iad ag ràdh gur e clann rìgh a bh' air an cur fo gheasaibh a bh' anns na h-ealachan?
Peggy MacDonald (PM): Bha.
CM: Agus dè a-nist mu dheidhinn na ròin? An robh sgeulachd...?
PM: Bha Clann MhicCodrum nan ròin.
CM: Seadh, dìreach. Agus an cuala sibh naidheachdan mu dheidhinn na ròin a bhith a' dol ann an riochd daonda?
PM: Chuala mi... chuala mi òran luaidh do thè, chaidh i a dhèanamh maoraich - 'Chaidh mi sìos a dhèanamh maoraich', ach tha mise air an dìochuimhneachadh - agus chunnaic i ròn air sgeir, agus an dèidh dhi a dhol ann, sìos, chunnaic i sin e a' dol na bhoireannach, fhios agad, agus dh'fhalbh e a shnàmh air an loch.
CM: Ciamar a bha an t-òran a' dol? 'Gur e mis' a chunnaic iongnadh', an e? Ciamar a bha an t-òran a' dol?

Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math