Rannsaich

Bàta Hearach a chaidh fodha.

Ceann-latha July 1970
Àireamh a’ chlàir 40402
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.196.B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.196

Geàrr-chunntas

Bàta Hearach a chaidh fodha.

Bha bàta Hearach a' tilleadh dhachaigh le luchd fiodha. Chaidh i fairis faisg air an Eilean Sgitheanach, ann an droch aimsir. Shreap na bh' air bòrd air uachdar a' bhàta a bha bun os cionn. Bha dà bhàta eile tighinn air a cùlaibh. Dh'fhàg a' chiad bhàta an siod iad, ach thug an dara bàta cobhair dhaibh. Dh'innis an sgiobair aig a' bhàta seo dha na h-ùghdarrasan mar a rinn am bàta eile, agus chaidh sgiobair a' bhàta sin a chrochadh. Chuala muinntir na Hearadh mun tubaist, agus bha iad an dùil gun robh na bha air bòrd marbh. Nuair a thàinig iad dhachaigh, theich a h-uile neach, 's iad an dùil gun robh iad air èirigh às an uaigh.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Na Hearadh

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math