Rannsaich

Dealan-dè

Luchd-agallaimh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 40424
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

DealanDe 1987.05.08

Geàrr-chunntas

Leabhar ùr air croitean Phaibeil agus Bhaile Raghnaill, Uibhist a Tuath.

Tha Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath a' cur ri chèile leabhar de chroitean agus teaghlaichean ann am Paibeil agus Baile Raghaill. Tha fiosrachadh cuideachd ga thoirt seachd air mar a fhuair na daoine am fearann agus mar a chaidh an talamh a riarachadh an dèidh a' Chiad Chogaidh. Chaidh Paibeil agus Baile Raghnaill a thaghadh airson an leabhair a chionn 's gu bheil iad òg seach na bailtean eile mu thimcheall.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Mòrag Mhoireach (MM): Thòisich sinn anns a' Ghearran. Tha sinn ag obair anns an taigh-chòmhnaidh aig Sgoil Cheann a' Bhàigh, agus sin agad am base againn, mar a their sinn. Agus an toiseach, bha sinn a' cuideachadh anns an sgoil aig... a' sealladh dhealbhannan a bha sinn. Bha seo thoradh a' Chrofters Act, an centenary aca. Agus bha sinn a' faighinn nan dealbhannan deiseil. Bha daoine a' toir a-staigh dhealbhannan, seann dealbhannan, agus an uair sin bha na dealbhannan sin air an cur air falbh, agus bha negatives rim faighinn bhuapa, agus bha sinn a' tilleadh nan dealbhannan chun nan daoine a thug dhuinn an toiseach iad, agus an uair sin a' cur an copaidh aca suas gu sealladh anns an sgoil. Agus chumadh sin a' dol sinn a dhà no trì sheachdainean. 'S nuair a thàinig daoine a choimhead air na dealbhannan, dh'òrdaich... bha gu leòr òrdain ann, agus an dà latha a bha an sealladh air, bha... thàinig [?gu leòr] ga choimhead, agus bha a h-uile duine toilichte leis an t-sealladh a chunnaic iad 's a' faighneachd cuin a tha an ath shealladh gus a bhith ann.

Jo NicDhòmhnaill (JN): A bheil fhios agaibh a-nis cuin a tha an ath shealladh gu bhith ann?

MM: Chan eil e cinnteach. Tha dùil againn 's dòcha an ceann dà mhìos eile.

JN: Cò air a tha sibh ag obair an-dràsta?

MM: An-dràsta tha sinn air tòiseachadh air smaointeachadh mu dheidhinn leabhar air croitean ann am Paiblisgearraidh 's Baile Raghnaill. Thagh sinn an dà bhaile sin thoradh tha iad òg seach feadhainn eile a tha faisg air làimh, agus tha sinn a' faighinn a-mach mu eachdraidh nan teaghlaichean, agus tha dùil againn sin a chur anns an leabhar, agus òrain, ma tha òrain mu dheidhinn... againn mu dheidhinn. Agus tha sinn dèonach beachdan nan croitearan ann am Paiblisgearraidh agus Baile Raghnaill fhaighinn air fad, agus ma tha daoine a tha ag èisteachd a tha rud aca ri innse dhuinn, bhiodh sinn gu math toilichte nan tigeadh iad a-staigh dhan an taigh-sgoile far a bheil sinn ag obair, ach bidh sinn a' tadhal orra sinn fhèin - tha dòchas againne gum bi - ach 's dòcha gu bheil feadhainn eile ann taobh a-muigh dhe na bailtean sin a tha eachdraidh aca mu dheidhinn an àite. Bidh sinn gu math toilichte nan tigeadh iad a-staigh a dh'innse dhuinn.

JN: Nis, dh'ainmich sibh gun robh Paiblisgearraidh agus Baile Raghnaill, gur e bailtean òg a bh' annta. An robh iadsan am measg nam bailtean a chaidh a chruthachadh, mar gum bitheadh, às dèidh dha daoine a bhith a' reudadh an fhearainn às dèidh a' Chiad Chogaidh?

MM: Seadh, 's ann an dèidh a' Chiad Chogaidh, 's ann a chaidh am bristeadh. A' chuid as motha dhe na croitearan a fhuair croit ann am Paiblisgearraidh 's ann am Baile Raghnaill, 's ann anns a' Bhaile Mhòr a bha iad, agus Cnoc an Torrain, bha feadhainn aca an Cnoc an Torrain cuideachd, agus 's e dusan... chaidh dusan aca suas gu Taigh Mòr Bhaile Raghnaill agus dh'innis iad gun robh iad ag iarraidh fearann 's gun robh iad a' dol ga bhristeadh an ath latha. Agus sin dìreach mar a thachair. Thòisich iad a' cur nan cairtean aig Baile Raghnaill seachad... muinntir Bhaile Raghnaill, na searbhantan aig Baile Raghnaill, an dèidh a bhith gan lìonadh le feamainn chuir iad seachad iad, 's thòisich iad an uair sin ri treabhadh 's ri gabhail cùram dhen talamh. Ach cha d' fhuair iad leotha idir i sa mhionaid. B' fheudar dhaibh a dhol dhan phrìosan mun d' fhuair iad e.

JN: An e teaghlaichean an fheadhainn sin as motha a th' anns na bailtean sin fhathast, air na croitean?

MM: 'S e, a' chuid as motha aca. Buinidh iad air dòigh air choreigin dhan dusan a chaidh dhan phrìosan. A' chuid as motha aca. Chan e iad uile idir.

JN: Tha sibh an dòchas leabhran a dhèanamh mu dheidhinn seo, ach aig an aon àm a bheil ùidh agaibh ann an cluinntinn bho dhuine sam bith, 's dòcha fiù 's daoine a tha a' fuireach air falbh à Uibhist a Tuath, mu dad sam bith dhe eachdraidh an eilein?

MM: Ò gu deimhinne. Ma tha duine sam bith ag èisteachd, chan eil e gu diofar cò às a tha iad, ma eachdraidh aca tha sinne... bhiodh sinn gu math toilichte litir no dad sam bith, no... chan eil sinn air a' fòn idir fhathast, ach ma tha eachdraidh sam bith aca mu dheidhinn dad sam bith mu dheidhinn Uibhist a Tuath bhiodh sinn gu math toilichte cluinntinn bhuapa. 'S dòcha nach eil iad... iadsan a' smaoineachadh nach eil cus feum ann a bhith ag innse dhaibh rud a thachair o chionn leth-bliadhna, ach ann an ceann ceud bliadhna, nuair a smaointicheas tu air, 's dòcha gum bi an nì sin gu math cudromach.

JN: Nise, tha sibh air a bhith a' dol a-mach, fiù 's ged nach eil sibh air a bhith a' dol uabhasach fada, le teip agus a' clàradh stuth bho seann daoine. An e an fhìor sheann daoine anns a' choimhearsnachd air a bheil sibh a' bualadh an toiseachd?

MM: Sin a bh' anns an t-sealladh againn an toiseach, gun fhaigheadh sinn an fheadhainn a bu shine, ach tha sinn an dèidh a bhith timcheall aon deinear, ach tha feadhainn aca sin nach eil ro shean fhathast. Ach tha a leithid ann agus fhios againn gu bheil eachdraidh aca, ach gheibh sinn timcheall orra uile fhathast.

JN: Nis, a Mhòrag, tha mi a' tuigsinn gu bheil àite airson triùir agaibh air an sgeama, ach gu ruige seo 's e dithis a tha ag obair, nach e?

MM: 'S e dithis a tha ag obair ann an-dràsta, ach tha rùm ann dhan treas duine, agus tha an t-eilean farsaing 's tha na taighean fada o chèile, agus nam biodh an treas duine ann, bhiodh e na chuideachadh mòr. Gheibheadh sinn timcheall a chruinneachadh an stuth a tha sinn ag iarraidh, agus bhiodh e gu math freagarrach nam biodh duine eile ann còmhla rinn.

JN: Bidh fiosrachadh, tha mi cinnteach, mun an treas àite sin anns an ionad-obrach?

MM: Tha. Tha fhios againn gu bheil feadhainn a' sealltainn ùidh anns an treas àite a tha seo, agus tha mi an dòchas gum bi e air a lìonadh a dh'aithghearr.

JN: Agus dìreach nan cuireadh tu ann an cuimhne dhaoine a-rithist cà 'n lorg iad sibh, ma tha ùidh aca ann a thighinn a chèilidh oirbh.

MM: Tha, anns an taigh-chòmhnaidh ri taobh an sgoil ùr ann an Ceann a' Bhàigh. Sin agad an schoolhouse, Bayhead. Shin agad e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math