Rannsaich

Tilgeil eòrna bho bhàta air sàillibh ghàidsearan.

Ceann-latha 22 May 1972
Àireamh a’ chlàir 40557
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1972.074.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1972.074

Geàrr-chunntas

Tilgeil eòrna bho bhàta air sàillibh ghàidsearan.

Tha am fiosraiche ag innse mu àm nuair a bha a sheanair air bàta le pocan làn eòrna airson uisge-beatha a dhèanamh. Chunnaic iad bàta nan gàidsearan agus thilg iad an t-eòrna dhan mhuir. Bha na gàidsearan gu math trom air na daoine a bha a' dèanamh uisge-beatha. Tha am fiosraiche ag ràdh nach robh uisge-beatha air a dhèanamh san sgìre ri linn fhèin no linn athar.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Gleann Eilg

Baile/Àite - Mòrar

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacIllFhialain (AM): ...triop agus bha sia pocannan de dh'eòrna aige anns a' bhàta.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seo ur n-athair no ur seanair?

AM: Mo sheanair.

DE: Ur seanair, seadh.

AM: Athair m' athar. Agus bha e, a laochain... uill, feumaidh gun robh iad a' dèanadh an uisge-bheatha, ach co-dhiù, chunnaic iad an revenue cutter a' tighinn, agus chuir iad... ghabh iad an t-eagal agus dhòirt iad an t-eòrna a-mach air a' mhuir. Chan eil mise a' smaoineachdainn gum b' urrainn dhaibh sìon a dhèanadh orra airson an t-eòrna fhaicinn sa bhàta, ach bha na seann daoine an uair ud, bha an t-eagal orra ron lagh, fhios agad, bha [???] by Jove bha.

DE: Ach bha na gèidsearan gu math trom air na daoine airson a bhith a' dèanamh an uisge-bheatha co-dhiù, nach robh?

AM: Ò bha iad truagh. Ò bha iad truagh, truagh. Ò bha iad trom orra alright.

DE: An cuala sibh riamh dad mu dheidhinn sin?

AM: Bha iad ga dhèanadh air a shon sin. Cha chreid mi gun robh iad a' dèanadh mòran an seo, ach feumaidh gun robh mo sheanair ga dhèanadh, a thaobh chuala mise m' athair a' ràdh gun do dhòirt e a-mach air a' mhuir na ceithir... na sia pocannan de dh'eòrna. 'S nach ann air an eòrna a bha iad ga dhèanadh.

DE: Ach chan eil cuimhn' agaibh fhèin air iad a bhith ga dhèanamh?

AM: Ò chan eil, chan eil. Ò cha robh iad ris idir [?an uair sin] ri mo linn-sa. Ò chan eil. Cha robh no ri linn m' athar, tha mi a' smaoineachdainn. Ach feumaidh gun robh mo sheanair ga dhèanadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math