Rannsaich

Rudan neònach a thachair dha bodach à Mòrar, agus ro-innse a...

Ceann-latha 22 May 1972
Àireamh a’ chlàir 40558
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1972.074.A2; SA1972.074.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1972.074

Geàrr-chunntas

Rudan neònach a thachair dha bodach à Mòrar, agus ro-innse air trèanaichean.

Bha bràthair seanair an fhiosraiche daonnan a' coiseachd air feadh na sgìre air an oidhche. Aon oidhche chuala e fuaimean neònach agus bha e am beachd gun cuala e boireannach. Dh'èigh e oirre dè bha i a' dèanamh. Fhreagair ise nam biodh fios aige dè bha i a' dèanamh, bhiodh fios aige air cuin a bhàsaicheadh e. Oidhche eile chunnaic e teine mòr 's chuala e fuaim, agus bha aige ri dhol dhachaigh.

Tha am fiosraiche cuideachd ag innse mu dheidhinn daoine a chuala na trèanaichean mus tàinig iad a-riamh chun na sgìre. Bha iad an dùil gur e an diabhal a bh' ann. Bha fear à Loch Ailleart a chunnaic trèan a' dol tro thaigh agus nuair a thàinig an loidhne, chaidh e dìreach tro thobhta an taighe.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math