Rannsaich

Bodach Ròcabarraigh a chaidh air ais dhan eilean anns an do...

Ceann-latha c. March 1974
Àireamh a’ chlàir 40680
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1974.51.A4+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1974.051

Geàrr-chunntas

Bodach Ròcabarraigh a chaidh air ais dhan eilean anns an do thogadh e iomadach bliadhna an dèidh dha dhol air chall.

Thàinig duine òg le bàta beag air tìr air eilean air taobh an iar Alba: bha e air a dhol far a chùrsa sa cheò. Cha d' fhuair e a-riamh a shlighe air ais gu a dhachaigh. Phòs e agus bha triùir mhac aige. Bha na mic nan iasgairean agus bha iad a' sìor dhol na bu doimhne a-steach dhan chuan airson iasg fhaighinn.

Aon latha fhuair iad iasg annasach. Ged a bha an athair a-nis dall, dh'aithnich e an t-iasg air fhaireachdainn. Cheasnaich e iad mu càite an d' fhuair iad e agus dh'iarr e falbh còmhla riutha an ath thuras a bhiodh iad a' dol dhan àite sin.

Nuair a bha e a-muigh còmhla riutha bha e gan ceasnachadh mu dè bha ri fhaicinn. Stiùir e iad tron cheò gus an do ràinig iad eilean. Seo far an deach am bodach a thogail. Chaidh e air tìr chun an taighe aige fhèin. Dh'fhuirich e an sin agus dh'iarr e air a mhic tilleadh dhachaigh. 'S e ainm an àite Ròcabarraigh.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo anns na taighean-cèilidh agus tha e a' mìneachadh gu bheil an sgeulachd stèidhichte air Ròcal. Tha e ag innse mar a leugh e eachdraidh Ròcail ann an leabhar.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math