Rannsaich

Bhuannaich tuathanach geall nach innseadh a chìobair breug.

Ceann-latha 1959
Àireamh a’ chlàir 40996
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.56.B2+57.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.056

Geàrr-chunntas

Bhuannaich tuathanach geall nach innseadh a chìobair breug.

Thuirt tuathanach gun robh cìobair aige nach do dh'innis breug a-riamh. Chuir tuathanach eile geall gun innseadh e breug na làthair. Bha an cìobair a' suirghe air banchaig an tuathanaich eile. Thug an tuathanach oirre iarraidh air a' chìobair caora dhubh a thoirt dhi mar phreusant. Rinn e sin, ged a b' e a' chaora dhubh am beathach a b' fheàrr leis a mhaighstir. Nuair a dh'fhaighnich an tuathanach dè thachair dhan chaora dhuibh, ann an làthair an tuathanaich eile, dh'innis an cìobair an fhìrinn. Bhuannaich a mhaighstir an geall agus rinn e an cìobair na mhanaidsear. Phòs e a' bhanchaig.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho Alasdair Mòr.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT889

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacIllFhialain (AM): 'S e tuathanach mòr a bha seo, agus bha e aig sale latha a bh' ann a sheo. Agus bha fear eile, tuathanach eile a' tighinn dachaigh còmhla ris, fear Robasdanach. Bha iad a' bruidhinn air luchd-seirbheis 's cho doirbh 's a bha e dhaibh an t-àite a chumail, agus an t-airgead a bha iad a' cur a-mach, mum faigheadh iad a h-uile sìon a sheatladh, nach biodh mòran aca fhèin.

"Ò uill," ars an tuathanach, "tha seirbheisich glè mhath agam fhìn," ars esan. "Ach tha mi a' smaointinn," ars esan, "nach biodh e na chall sam bith gu dè a gheibheadh deagh sheirbheiseach. Chuireadh e a-staigh riut e," ars esan. "Tha seirbheiseach agam fhìn, Dòmhnall an Cìobair, a-muigh anns a' mhonadh," ars esan, "agus 's e seirbheiseach a th' ann cho dìleas 's a chunna mi riamh do mhaighstir," ars esan, "agus cho fìrinneach," ars esan, "nach do dh'innis breug riamh," ars esan.

"Ho," ars am fear eile. "Bha dùil a'm riamh," ars am fear eile, "gun robh thu glic gu seo. Fear nach do dh'innis breug riamh. Sin am fear nach eil ann."

"Uill, tha siud aon fhear," ars esan, "nach dèanadh breug ged a bhiodh e fhèin," ars esan, "anns a' choire. Ghabhadh e ris a cheart cho plèin," ars esan, "agus ged a bhiodh fear eile ann."

"Ò nach fhan thu sàmhach," ars esan. "'S dòcha nach robh reusan aige air breugan a dhèanamh. Nam bitheadh, dhèanadh e iad a cheart cho math ri fear eile. Cha dèan fear sam bith breug fhad 's a fhreagras an fhìrinn."

"Uill, co-dhiù a fhreagras e no nach freagair," ars am fear eile, "nam biodh iad uile agamsa luchd-seirbheis coltach ris, dh'fhaodainn falbh dhan Spàinn," ars esan, "fad a' gheamhraidh. Cha bhiodh sìon a dh'eagal orm gun tachradh sìon ceàrr."

"Leabhra," ars am fear eile, "cuiridh mi fichead not dhut air a' gheall," ars esan, "gun dèan e na breugan nam làthair riut."

"Uill, tha e riut, ma-thà," ars esan. "Feuch a-nist e," ars esan. "'S ioma uair a dh'fheuch mise e," ars esan, "'s cha d' fhuair mi breugach fhathast e."

"Uill, ma-thà," ars esan, "leig thusa leis," ars an Robasdanach, "agus thèid mise a-null latha air choreigin air an t-seachdain seo tighinn," ars esan.

Cha robh iad ach ann an nàbachd a chèile, an dithis aca.

"Agus feuchaidh sinn e," ars esan.

"Ò, ceart gu leòr," ars am fear eile.

Bha Dòmhnall an Cìobair, bha e a' suirghe air banchaig a bh' aig an Robasdanach, agus bha fhios aig an Robasdanach air a seothach glè mhath. Agus thuirt e ris a' bhanchaig an latha a bh' ann a sheo:

"B' fheàrr leam," ars esan, "a Mhàiri, gun dèanadh tu an rud a dh'iarrainn ort."

"An-tà, nì mi sin," ars ise, "masa h-urrainn mi."

"'S urrainn," ars esan. "Thèid agadsa air a dhèanamh," ars esan. "Tha geall mòr," ars esan, "eadar mi fhìn," ars esan, "agus mo nàbaidh thall an seo," ars esan, "agus... mu dheidhinn Dhòmhnaill, an Cìobair," ars esan. "Agus tha stocainnean briogais-glùine agam fhìn ann a shiud," ars esan, "'s cha robh iad riamh orm," ars esan. "Agus theirig a-mach," ars esan, "dhan mhonadh," ars esan. "Gabh leisgeul gur ann a' dol a choimhead bheothaichean a tha a-muigh anns a' mhonadh a tha thu, agus thèid gu Dòmhnall iad," ars esan. "Agus tha fhios a'm fhìn gum bi e glè mhòr aige," ars esan. "Agus ge air bith gu dè bhios aig... bheir e dhut," ars esan, "na gabh sìon bhuaithe," ars esan, "ach caora dhubh a th' aige," ars esan, "às an treud," ars esan. "Agus tha am maighstir," ars esan, "a' creidsinn uabhasach innte," ars esan, "gu bheil i na beathach fuathasach lucky air treud. Agus 's i an aona bheothach a dh'fhaighneachdas e dheth nuair a thig e gu baile," ars esan. "Agus ma bheir thu bhuaithe a' chaora dhubh," ars esan, "bidh dìreach an gnothach againn."

Dh'fhalbh Màiri agus chùm i a-mach. Bha i a' coimhead feuch am faiceadh i coltas Dhòmhnaill. Ach chunnaic i an seo Dòmhnall a' nochdadh air mullach cnuic. Agus nochd ise i fhèin, agus thug Dòmhnall an aire dhi 's ghabh e sìos far an robh i.

"A Dhia glèidh mi, Mhàiri," ars esan, "gu dè a chuir thusa a-muigh an seo ged a tha mise ann?"

"Ò thàinig mi a-mach," ars ise, "a choimhead bheothaichean a th' aige a-muigh anns a' mhonadh," ars ise, "anns a bheil laoigh. Agus bha toil a'm gum faicinn thu fhèin," ars ise, "on a thachair dhomh tighinn a-mach. Tha preusant beag agam ann a sheo a bha mi airson a thoir dhut," ars ise, "'s cha robh mi a' faighinn teansa air a thoir dhut gun fhiosta, agus thug mi leam e."

"Dè tha sin?" arsa Dòmhnall.

"Ò chan eil," ars ise, "ach stocainnean a rinn mi dhut.

Rug Dòmhnall air na stocainnean 's sgaoil e iad.

"Ò uill, uill, a Mhàiri, nach iad a tha brèagha."

"Ò tha iad brèagha gu dearbh," arsa Màiri.

"An e thu fhèin a rinn seo?"

"An-tà, 's mi," arsa Màiri, "agus 's iomadh oidhche anmoch a thug mi ag obair orra, nach fhaca duine riamh mi a' cur lùb orra, no nam faiceadh, neo-ar-thaing nach watchadh iad feuch cò air a-rithist a chìte a-rithist iad."

"Ò 's tusa tha ag ràdh na fìrinn," arsa Dòmhnall. "Sin fhèin an cosnadh, a' watchadh. An-tà, bha dùil a'm nach robh uiread de mheas agad orm agus gun dèanadh tu leithid seo dhomh."

"Ò bha barrachd meas agam ort, a Dhòmhnaill, agus a bh' agadsa ormsa," ars ise.

"An-tà, cha b' urrainn thu sin a ràdh," ars esan. "Ach gu dè a-nist air an t-saoghal an rud as fheàrr leat mise fhaighinn dhut fhèin? Feumaidh tu rudeigin a ghabhail bhuam."

"Ò chan ann airson sì-... sìon dheth sin a rinn mise iad," ars ise.

"Ò tha fios a'm nach ann," arsa Dòmhnall, "ach feumaidh tu rudeigin a ghabhail bhuam."

"An-tà, an aon rud a bhithinn-sa deònach air a ghabhail bhuat," arsa Màiri, "cha chuireadh e call sam bith ortsa nan toireadh tu seachad e."

"Dè sin?"

"Tha, a' chaora dhubh."

"An-tà, leabhra, Mhàiri, nam bu leam fhìn i, ged a bhiodh i na h-òr, gheibheadh tu i. Ach sin an aon bheothach a tha nòisean aige fhèin dheth air treud. Tha e a' creidsinn gu bheil i uabhasach lucky."

"A Dhia, nach gòrach thusa. Nach fhurasta dhutsa leisgeul a ghabhail. 'S dòcha nach eil a' chaora dhubh sin gus a bhith beò gu bràth. Cha do dh'iarr mise sìon riamh ort, ach siud."

"An-tà, leabhra, ma-thà, ge air bith dè mar a dh'èireas dhòmhsa, gheibh thu i."

Dh'fhalbh Dòmhnall 's chruinnich e na caoraich. Rugadh air a' chaoraich dhuibh 's thugadh do Mhàiri i. Dh'fhalbh Màiri leatha 's nuair a ràinig i 's ann a bha toilichte an Robasdanach.

"Ò mo bheannachd ort," ars esan. "Rinn thu dìreach an gnothach," ars esan. "Chì sinn a-nist," ars esan, "an glèidh e an geall," ars esan.

Chaidh e seo a-null far an robh a nàbaidh.

"Am faca sibh Dòmhnall bhon a chunna mi reimhid sibh?" ars esan.

"Ò chan fhaca gu dearbh. Cha robh feum agamsa air," ars esan.

"Uill, cuir fios a-nist air," ars esan, "feuch an dèan e an fhìrinn riut, ma-thà.

"'S dè an dòigh anns a bheil thu a' dol ga fheuchainn?" ars esan.

"Ò chan eil agadsa," ars esan, "ach faighneachd a h-uile sìon dheth," ars esan, "mar a b' àbhaist dhut fhaighneachd dheth nuair a thig e chun a' bhaile," ars esan. "Agus faighneachdaidh mise an còrr dhìot," ars esan... "dheth."

Dh'fhalbh a mhaighstir 's chuir e fios air Dòmhnall a dhol a-staigh. Nuair a fhuair Dòmhnall am brath airson a dhol chun a' bhaile dh'fhalbh e. 'S cha robh fios aige on t-saoghal gu dè an aon leisgeul a ghabhadh e a thaobh na caoire duibhe.

"Dè a-nist a nì mi? Nuair a ruigeas mi, faighneachdaidh e dè mar a dh'fhàg mi an treud. Dh'fhàg mi gu math iad."

"Bheil a' chaora dhubh agad?"

"Chan eil."

"Ò, cà 'n deach i?"

Ach feumaidh mi plan air choreigin a dhèanamh.

Dh'fhalbh Dòmhnall agus chuir e a sheacaid na... air a bhata agus chuir e am bata na stob anns a' chnoc. Uill, sin a-nist am maighstir. Dè a-nist a tha mi a' dol a chantail? Canaidh mi gun do chailleadh i.

"Tha thu air tighinn, a Dhòmhnaill."

"Tha."

"Dè mar a dh'fhàg thu an treud a-muigh?"

"Ò bha an treud math gu leòr. Chan fhaca mi sìon ceàrr."

"Bheil a' chaora dhubh agad?"

"Chan eil. Chailleadh i."

"An do chailleadh a' chaora dhubh?" ars esan.

"Ò chaill."

"An-tà, gu dearbh, b' fheàrr leam a còig eile a dh'fhalbh na i."

"An-tà, b' fheàrr leam fhèin sin cuideachd."

"Ò uill, uill, 's cinnteach gur e am beothach bu mhotha bha nòisean aig duine dheth an ciad bheothach a dh'fhalbhadh."

"An-tà, chunna mi riamh e," arsa Dòmhnall.

"An-tà, chunnaic agus mise. Ach gu dearbh, gu dearbh, 's ann innte a bha am beothach lucky air treud. Agus 's e sin a bh' innte, beothach lucky. Cha do chaill mise mòran."

[Stad sa clàradh an seo.]

"An tug sibh... an tug thu a-staigh an craiceann aice dhomh?"

Seall seo.

"Cha tug no poicean, Bu doirbh dhomh e. Cha robh e agam."

"Cha dèan mi an gnothach air an rathad ud. Feumaidh mi feuchainn air rathad air choreigin eile. Ach socair, canaidh mi gu do ghoideadh i, 's cha bhi e ag iarraidh clòimh no craiceann."

Thòisich Dòmhnall às ùr.

"Tha thu air tighinn, a Dhòmhnaill."

"Tha."

"Dè mar a dh'fhàg thu an treud a-muigh?"

"Ò tha an treud ceart gu leòr."

"Bheil a' chaora dhubh agad?"

"An-tà, chan eil. Chan fhaca mi sealladh oirre bho chionn dà latha."

"Nach fhaca?"

"Chan fhaca."

"An do shiubhail thu am monadh."

"Shiubhail mise am monadh 's cha do dh'fhàg mi sloc no abhainn no àite gun siubhal, 's chan eil e beò no bàs anns a' mhonadh, no riobag dhe a clòimh."

"Aidh, aidh, aidh. Ma-thà, feumaidh gur h-ann air a goid a tha i, a Dhòmhnaill."

"Chan eil sìon nas cinntiche."

"Uill, tha e coltach gu bheil na mèirlich anns a h-uile h-àite. Nach eil sin uabhasach. An do dh'ionndrainn thu gin ach i fhèin?"

"Cha do dh'ionndrainn mise gin ach i fhèin. Ach dh'ionndrainn mi ise co-dhiù."

"Ah uill, tha sin fhèin uabhasach. Ò ma-thà, Dhòmhnaill, feumaidh nach deach i fada."

"Ò cò aige tha fios."

"Cha deach, a Dhòmhnaill. Seall, nam b' e mèirleach a bhiodh ann bhiodh e airson a reic. 'S e cho mòr 's gum biodh aige a bhiodh a dhìth air. Cha deach i fada idir. Ach fuirich thusa ort, cuiridh sinn air falbh na maoir. Agus ged a dh'itheadh iad an fheòil chan ith iad a' chlòimh. Brathaidh a' chlòimh fhèin iad."

"Seall seo a nist," arsa Dòmhnall. "Cuirear a-nist air falbh na maoir. Gheibhear a' chaora dhubh aig Màiri, 's thèid Màiri dhan phrìosan. Thèid mise ann. 'S tha e nas fheàrr dhòmhsa mi fhìn a dhol ann na dhol ga cur-se ann. Cha dèan mo chuid breug an gnothach. Cha dèan an gnothach ach an fhìrinn, 's biodh i bog no cruaidh, dèanadh e a thoil. 'S ma ghabhas i pàigheadh tha mise coma ged a dh'fhàgainn mo thuarastal aige air a son."

Dh'fhalbh Dòmhnall 's thug e leis an t-seacaid 's tharraing e air a' bhaile. Nuair a ràinig e chaidh e a-staigh dhan chidsin. Bha an dithis fhear ga fheitheamh shìos anns an rùm. Chuala am maighstir gun tàinig e. Thàinig e a-nuas 's dh'iarr e air a dhol sìos dhan rùm.

Chaidh Dòmhnall sìos, sruth fallais dheth 's e a' tiormachadh a mhala.

"Òbh, òbh, a Dhòmhnaill, nach ann ort a tha am fallas, 's i gu math fuar."

"Tha," arsa Dòmhnall.

"Dè mar a dh'fhàg thu an treud a-muigh?"

"Ò dh'fhàg mi math gu leòr iad. Chan fhaca mi sìon ceàrr."

"Bheil a' chaora dhubh agad?"

Dh'fhan Dòmhnall sàmhach.

"Bheil a' chaora dhubh idir agad?"

"An-tà, chan eil," arsa Dòmhnall.

"Dè dh'èirich dhi?"

"Uill, dh'èirich e dhi gun tug mise seachad i."

"An e reic a rinn thu?"

"Chan e gu dearbh. Bhiodh i treis ga reic... mun reicinn i."

"'S cò dha a thug thu i?"

"Thug mi dhan bhanchaig aig an Robasdanach an sin i."

"Uill, uill, uill, tha mi a' cluinntinn gu bheil nòisean mòr agad dhen bhanchaig a tha sin. An ann a' dol a thoir dhi tochradh dhe mo chuid-sa a bha thu no gu dè bha nad bheachd?"

"Tha e coltach gur ann," arsa Dòmhnall. "Ach ma ghabhas i pàigheadh dhuibh, bidh mise deònach mo thuarastal fhàgail agaibh air a son."

"Ò tha sin ceart gu leòr, a Dhòmhnaill, ach gu dearbh, gu dearbh bha dùil a'm nach tu a dhèanadh e."

"Uill, thachair dhomh gun do rinn mi e co-dhiù," arsa Dòmhnall, "ged a tha aithreachas gu leòr an-diugh orm, ach cha dèan sin feum."

"Uill, feumaidh sinn fhaighinn a-mach gu dè an dòigh anns an tug thu a' chaora dhubh do Mhàiri."

"An-tà, chaidh i a-mach air an t-seachdain sa chaidh," ars esan, "a choimhead bheothaichean a bh' aice anns a' mhonadh, agus bha preusant beag aice gam ionnsaigh-sa ceart gu leòr, agus bha mi deònach a bhith a cheart cho math dhi, agus tha. Ach ged a bheirinn mo chridhe dhi cha ghabhadh i sìon bhuam ach a' chaora dhubh, agus cha b' urrainn mise aig an àm," ars esan, "a cumail bhuaipe. Agus sin agaibh an fhìrinn."

"Ah uill, uill, tha sin uabhasach."

Agus thionndaidh e ris an Robasdanach.

"Dè th' agadsa ri ràdh a-nist, ma-thà?" ars esan. "Tha mise ullamh."

"Ò uill, chan eil sìon agam ri ràdh," ars am fear eile. "Tha e coltach gum faodadh tu seasamh air an rud a bha thu a' ràdh gu dearbh," ars esan.

Bha Dòmhnall 's ceann crom air.

"An-tà, uill, a Dhòmhnaill, ma-thà," ars esan, "ged a thug thu seachad a' chaora dhubh, gheibh thu mathanas ann, on a sheas thu air an fhìrinn an-diugh mar a b' àbhaist dut, ach mura dèanadh tu sin, cha bhiodh tu latha no oidhche agamsa ach na bha. Agus cha bhi thu a-nist nad chìobair a-muigh an sin nas fhaide, ach bidh thu nad mhanaidsear agamsa a-staigh an seo. Agus pòs a' bhanchaig sin a-nist, agus biodh i fhèin 's a' chaora dhubh agad."

Ach 's ann a thog Dòmhnall cluasan air. Cha tàinig sìon riamh na rathad a bha cho math seo. Agus phòs Dòmhnall a' bhanchaig, agus bha e na mhanaidsear riamh tuilleadh aig an tuathanach. Agus ghlèidh e an geall air an fhear eile.

Calum MacIllEathain (CM): 'S ann aig Alasdair Mòr a bhiodh i sin?

AM: 'S ann cuideachd.

CM: 'S ann aig Alasdair Mòr.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math