Iain Beag mac Anndra, a' bhanntrach, agus an Siosalach.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1974.54.A1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Iain Beag mac Anndra, a' bhanntrach, agus an Siosalach.
Bha Iain Beag mac Anndra na shealgair ann an Earra-Ghàidheal. Leagadh an taigh aige ann an stoirm agus b' fheudar dha a thogail às ùr. Aon latha, fhad 's a bha e ri sealgaireachd, chunnaic e treud mòr dhaoine agus an Siosalach nan ceann. Chaidh e am falach gus an do thuit an oidhche. An uair sin chaidh e gu taigh banntraich, ach gu mì-fhortanach thàinig na daoine chun an taighe cuideachd. Bha iad a' lorg biadh, ach cha robh sìon aig a' bhanntraich dhaibh. Le seo, mharbh iad am mart aice agus dh'ith iad e. Dh'innis Iain Beag do MhacDhòmhnaill Ghleann Comhan mun rud a thachair. Chuir MacDhòmhnaill brath dhan t-Siosalach ag ràdh gum feumadh e mart eile a thoirt dhan bhanntraich.
Bha fios aig an t-Siosalach gur e Iain Beag a bha a' bruidhinn ri MacDhòmhnaill, agus thug e leis a chuid dhaoine gus Iain Beag a mharbhadh. Nuair a chunnaic Iain iad a' tighinn, thàrr e a-mach às an taigh 's dh'fhalaich e e fhèin. Nuair a thàinig na daoine air ais a-mach às an taigh, loisg e orra agus mharbh e a h-uile fear dhiubh. Nuair a chuala MacDhòmhnaill mu dheidhinn seo, thug e taigh ùr dha air eagal 's gum biodh duine eile a' tighinn air a thòir.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Iain Beag mac Anndra
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math