spacer
spacer

Mar a fhuair Dùn Èideann ainm.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Mar a fhuair Dùn Èideann ainm.
Fiosraichean - Mìcheal Mac an t-Saoir
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach
Item Person - Èideann

Geàrr-chunntas - Mar a fhuair Dùn Èideann ainm.

Bha na sìthichean gu math beag. Chìte na solais aca air cnuic air an oidhche. Bhiodh daoine a' bruidhinn riutha. Cha b' e daoine a bh' annta. B' e sìtheach a thug ainm do Dhùn Èideann. Nuair a bhathar ga thogail, thigeadh fear gach latha air làir bhàn, agus bhiodh e ag obair na bu chruaidhe na neach sam bith eile. Dh'fhaighnich an ceannard cò e. Chan innseadh e, ach thuirt e gum biodh ainm air an àite. Dh'innis an ceannard do chàch mu dheidhinn. Smaointicheadh gum bu chòir dha an làir a leigeil ma sgaoil airson 's gum b' urrainn dha a leantail dhachaigh. Nuair a ràinig an làir an taigh, chuala an duine boireannach ag ràdh: "Tha làir an seo 's chan eil Èideann leatha."

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:04:37
Àm Clàraidh - 1974.07
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 42433
Àireamh an Teip Thùsail - SA1974.162
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1974.162.B4
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Meadhan Lodainn
  Paraiste - Dùn Èideann
  Baile/Àite - Dùn Èideann

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/42433/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA