Mar a thachair do dhà chroiteach a chaidh a-steach do shìthe...
Fiosraichean
Neach neo-aithnichte
MacDonald, Peggy (4884)
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
November 1965
Àireamh a’ chlàir
43015
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1965.135.B4
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a thachair do dhà chroiteach a chaidh a-steach do shìthean.
Chaidh fear le croit a-steach do shìthean far an robh iad a' dannsa ri port a bha a' dol: "Diluain, Dimàirt." Sheinn an duine "Diciadain" agus chòrd e riutha cho math 's gun tug iad dheth a' chroit. Dh'innis e do dh'fhear eile mar a thachair agus chaidh esan dhan t-sìthean. Chuir e "Diardaoin, Dihaoine" ris a' phort agus chuir iad croit an duine eile air.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Seòrsachadh
Tar-sgrìobhadh
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh, ciamar a bha seo?
Peggy MacDonald (PM): Bha fear dhiubh 's bha... bha croit air. Agus chaidh e a-staigh dhan t-sìthean, agus dè bha iad ach a' dannsa. Agus dè seo am port a bh' aca? Agus cha robh ach iad a' dol mun cuairt agus... uill... dè mar... am port a bh' aca? Agus am fear a chaidh a-staigh an toiseach... Ò Dhia, gu dè mar a bha am port?
DE: Chan e... chan e Diluain 's Dimàirt, an e?
PM: 'S e. 'S e.
DE: 'S ciamar a... ciamar a bha e a' dol?
PM: Diluain Dimàirt, Diluain Dimàirt, Diluain Dimàirt, 's iad a' dannsa.
"Diluain Dimàirt Diciadain," ars am fear ud.
"Ò sin am fear tha math. Diluain Dimàirt Diciadain. Dè bheir sinn dha? Bheir... An toir sinn dheth a' chroit?"
Agus chaidh e a-mach às an t-sìthean agus cha robh... cha robh croit idir air. Agus thachair am fear sa ris agus dh'innis e dha e. Agus dè ach chaidh am fear sa fhèin a-staigh do chr-... Agus thòisich Diluain Dimàirt, Diluain Dimàirt Diciadain.
"Diardaoin Dihaoine," ars am fear ud.
"Ò dè nì sinn air? Cuiridh sinn a' chroit a thug sinn far an fhear eile, cuiridh sin air i"
Nach e sin e?
DM: 'S e. 'S bha na dhà air.
PM: Seadh. "Diardaoin Dihaoine," ars am fear eile.
"Ò dè nì sinn air? Cuiridh sinn a' chroit thug iad far an fhear a chuireadh..."
Thàinig e a-mach 's dà chroit air.

Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math