Rannsaich

Till an Crodh a Dhòmhnaill

Luchd-clàraidh
Ceann-latha March 1965
Àireamh a’ chlàir 43816
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.157.A1a; A1b

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.157

Geàrr-chunntas

Tha am fiosraiche ag innse mar a chaidh Ailean nan Creach a' togail creiche air fearann Mhic Raghnaill na Ceapaich agus mar a thugadh air Dòmhnall 'ic Raghnaill na Ceapaich stad a chur air.

Anns an òran, thathar ag ràdh ri Dòmhnall gum faigh e bean ma thilleas e an crodh.

Notaichean a' Chlàir

Four quatrains sung.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Mac Raghnaill na Ceapaich

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Seumas Ros (SR): Dè an t-òran a bha siud mu Mhac Raghnaill na Ceapaich? Dè an naidheachd a bh' agaibh mu dheidhinn?

Alasdair Boyd (AB): Bha, uill, chuala mise an naidheachd sin aig fear a bha teann rinn, a bha goirid dhan taigh againn, Niall mac 'ic Iain. Uill, Niall Johnston a chanamaid-ne ris. Bha mòran de sheann òrain aige. Agus bha e ag innse dhòmhsa gun robh Ailean nan Creach a' togail creiche, agus gun do chuir iad a dh'iarraidh Dòmhnall mac Raghnaill na Ceapaich airson stad a chur air Ailean nan Creach, agus a rèir mar a bha san stòiridh aigesan, 's e seo am port a chuir am pìobaire aig Dòmhnall mac Raghnaill na Ceapaich air a' phìob, Till an crodh Dhòmhnaill. Sin mar a chuala mise e.

SR: Siuthadaibh ma-thà, gabhaibh am port.

AB:

Till an crodh laochain
'S gheibh thu bhean ghaolach
Till an crodh laochain
'S gheibh thu bhean bhòidheach
Till an crodh laochain
'S gheibh thu bhean ghaolach
Till an crodh laochain
'S gheibh thu bhean bhòidheach

Till an crodh beadarrach
'S gheibh thu bhean leadanach
Till an crodh beadarrach
'S gheibh thu bhean bhòidheach
Till an crodh beadarrach
'S gheibh thu bhean leadanach
Till an crodh, till an crodh
Till an crodh Dhòmhnaill

Till an crodh laochain
'S gheibh thu bhean ghaolach
Till an crodh laochain
'S gheibh thu bhean bhòidheach
Till an crodh laochain
'S gheibh thu bhean ghaolach
Till an crodh laochain
'S gheibh thu bhean bhòidheach

Till an crodh beadarrach
'S gheibh thu bhean leadanach
Till an crodh beadarrach
'S gheibh thu bhean bhòidheach
Till an crodh beadarrach
'S gheibh thu bhean leadanach
Till an crodh, till an crodh
Till an crodh Dhòmhnaill

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math