Rannsaich

Mionachan Beag, Mionachan Mòr agus na cnòthan.

Ceann-latha 1964
Àireamh a’ chlàir 44230
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.6.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.006

Geàrr-chunntas

Mionachan Beag, Mionachan Mòr agus na cnòthan.

Chaidh Mionachan Beag 's Mionachan Mòr a bhuain chnòthan. Mar a bhuaineadh Mionachan Mòr, dh'itheadh Mionachan Beag. Chaidh Mionachan Mòr a dh'iarraidh slat airson Mionachan Beag a bhualadh gus nach itheadh e ach beagan chnòthan. Thuirt an t-slat: "Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu tuagh a bhuaineas mi." Bha an tuagh ag iarraidh clach a bheileadh e agus mar sin air adhart gus an d' fhuair Mionachan Mòr: sopan dhan mhart, deuran dhan chat, cat a ruitheas luch, luch a sgrìobas ìm, ìm a chasas gadhar, gadhar a ruitheas fiadh, fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, agus slat a ghabhas air Mionachan Beag mun ith e ach beagan chnòthan.

Nuair a thill e bha Mionachan Beag air spreidheadh leis na dh'ith e dhe na cnòthan.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT2030

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Bha tè eile agaibh a-rithist an siud, ciamar... an e Mionachan...

Hugh MacKinnon (HM): Ò aidh, Mionachan Beag 's Mionachan Mòr, nuair a chaidh iad a bhuain dhan a' choille chnò?

Bha gu dearbh, bha a leithid sin fhèin ann cuideachd. Mionachan Beag 's Mionachan Mòr, dh'fhalbh iad latha dhan choille a bhuain chnò, agus mar a bhuaineadh Mionachan Mòr, dh'itheadh Mionachan Beag.

Agus co-dhiù, bha Mionachan Mòr a' fàs sgìth dhen obair seo, agus 's e an rud a bh' ann gun robh e a' dol a bhuain slat airson stràcadh Mionachan Beag, airson 's nach itheadh e ach beagan chnò. Chaidh e a dh'ionnsaigh na slaite a bha seo. Thuirt an t-slat ris:

"Ò," ars an t-slat, "chan fhaigh thu mise gus am faigh thu tuagh a bhuaineas mi."

Agus dh'fhalbh e a dh'ionnsaigh na tuaigh, agus:

"Chan fhaigh thu mise," ars an tuagh, "gus am faigh thu clach a bheileas mi."

Agus ràinig e a' chlach-mheuraidh an uair sin, agus thuirt a' chlach-mheuraidh ris:

"Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu uisge a fhliuchas mi."

Co-dhiù, chaidh e a dh'ionnsaigh an uisge agus - sruthan no allt a bh' ann - agus thuirt an t-uisge:

"Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu fiadh a shnàmhas mi."

Ràinig e an sin am fiadh, agus thuirt am fiadh ris:

"Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu gadhar a ruitheas mi."

Agus co-dhiù, cha robh ach dh'fhalbh e 's ràinig e an gadhar, 's thuirt an gadhar ris:

"Chan fhaigh thu mise," ars an gadhar, "gus am faigh thu ìm a shuathas tu ri mo chasan."

Ràinig e an t-ìm, 's thuirt an t-ìm:

"Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu luch a sgrìobas mi."

Agus ràinig e an luch, 's thuirt an luch:

"Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu cat a ruitheas mi."

Ràinig e an cat co-dhiù. 'S ann a thuirt an cat ris:

"Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu bainne a dh'òlas mi."

Agus ràinig e am mart. Chan fhaigheadh e bainne gus am faigheadh e sop bhon ghille thall a dh'itheadh am mart.

Ach co-dhiù, tha mi a' smaointinn gun do ràinig se ceann a thurais agus 's ann mar a bha. Fhuair e sopan dhan mhart, deuran dhan chat, cat a ruitheas luch, luch a sgrìobas ìm, ìm a chasas gadhar, gadhar a ruitheas fiadh, fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Mionachan Beag mun ith e ach beagan chnò.

Ach co-dhiù nuair a thill esan leis a h-uile goireas aige air fhaighinn, bha Mionachan Beag bha e marbh 's e air spreadhadh leis na dh'ith e de chnothan.

DE: 'S ann aig ur màthair a bha i seo cuideachd?

HM: 'S ann, 's ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math