Rannsaich

Luchd-cuideachaidh sìthe aig obair foghair ann an Dùn Bheaga...

Ceann-latha 23 November 1969
Àireamh a’ chlàir 44309
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.162.A4a

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.162

Geàrr-chunntas

Luchd-cuideachaidh sìthe aig obair foghair ann an Dùn Bheagain

Thug tuathanach ann an Dùn Bheagain obair do thriùir fhear aig àm an fhoghair. Bha iad a' fuireach anns an t-sabhal. Bha iad ag ithe agus a' cadal an sin ach cha robh iad ag obair mar a bha càch, agus le seo chuir am maighstir a mhac a-mach a dh'èisteachd riutha. Bha iad a' bruidhinn mun aran, mun fhìon agus mu am maighstir, MacLeòid, ag ràdh gun robh rudeigin ceàrr orra uile. Thug MacLeòid an aghaidh orra. Dh'innis iad dha nach e fìor MhacLeòid a bh' ann. Air an latha mu dheireadh thug iad a-mach a' bhratach shìthe agus chuir iad suas i. Bha Dùn Bheagain air a chòmhdach le ceò. Ann an dhà no trì uairean a thìde bha obair an fhoghair deiseil.

Dh'fhàg iad a' bhratach ach thug iad rabhadh seachad nach fhaodte a cur suas ach ann an cruaidh-chàs, no gun tilgeadh gach boireannach agus gach beathach boireann an àl.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho athair. 'S dòcha gun cuala esan i anns an Eilean Sgitheanach nuair a bha e a' dol a dh'iasgach ann.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Tiriodh

Eilean - Tiriodh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Diùrinis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Dùn Bheagain

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math