Rannsaich

Fiosrachadh mu Dhòmhnall MacAsgaill.

Ceann-latha 1964
Àireamh a’ chlàir 44453
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.7.B5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.007

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh mu Dhòmhnall MacAsgaill.

Phòs an Dotair Dòmhnall MacAsgaill agus thug e Eòghann air a mhac mar ainm, às dèidh a bhràthar. Bha a phiuthar pòsta aig Aonghas Lathaig. Chaidh e gu margadh sprèidh air tìr-mòr cuide ri Ailean, mac a pheathar. Thill Ailean, ach dh'fhuirich Dòmhnall thall, ag ràdh gun tilleadh e air a' bhàta an Dubh-ghleannach. An oidhche sin dh'fhairich Ailean 's a chuideachd èigheach aig a' chladach, ach cha robh sgeul air bàta. Chuir iad a-mach geòla. Lorg iad Aonghas MacCarmaig, sinn-seanair an fhiosraiche, ach shnàmh e gu tìr. Cha d' fhuair iad an dotair. Bha bò air bòrd cuideachd agus shnàmh i gu tìr. Ghabh tàillear grèim air a h-earball agus shàbhaladh e. Fhuair iad corp an dotair an ath là. Shaoil iad gun do shnàmh e gu tìr, ach gun do shàraich e e fhèin cho mòr 's gun do stad a chridhe.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacAskill, Donald

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math