Manadh a' cur dragh air Donnchadh Ruadh.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.029.A6
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Manadh a' cur dragh air Donnchadh Ruadh.
Bha Donnchadh Ruadh ag obair aig Mac 'ic Ailein ann an Ùisinis. Bha e a' tilleadh dhachaigh a dh'Uibhist a Deas le bàta beag. Aig Canaigh, chunnaic e boireannach òg air an tràigh. Thug e dhachaigh i agus phòs iad. Fhuair a bràthair a-mach gun robh i pòsta aig Donnchadh Ruadh ann an Uibhist a Deas agus thàinig e ga lorg. Chaidh e air ais a Chanaigh agus, ann an ceann bliadhna, bha e a' tilleadh le tochradh agus chaidh a bhàthadh. Bhàsaich a phiuthar le cridhe briste.
Mus do bhàsaich i, dh'iarr i air Donnchadh Ruadh a corp a chaithris anns a' chladh airson trì oidhche. Cha deach e ann ach dà oidhche. Às dèidh sin, bha manadh a' cur dragh air. Aon oidhche bha e a-muigh air a' Bheinn Mhòir. Bha droch spiorad ga leantainn agus a' bruidhinn ris. Nuair a fhuair e dhachaigh chuir e an cù an sàs ann. Bha an cù marbh an ath latha. Cha do chuir am manadh dragh air tuilleadh.
Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho Alasdair Mòr.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Donnchadh Ruadh
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Baile/Àite - Ùisinis
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math