spacer
spacer

Sgeulachd an Tombaca

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Sgeulachd an Tombaca
Fiosraichean - Dòmhnall Mac an t-Saoir
Luchd-clàraidh - Mgr Iain MacIlleathain

Geàrr-chunntas - Sgeulachd fhìrinneach mu rud a thachair dha Alasdair Mòr, athair an fhiosraiche. Theirig an tombaca air uaireigin, agus thog e air dhan bhaile gus tuilleadh a cheannach. Air an t-slighe, thòisich i ri cur an t-sneachda agus stad e aig clach air an robh Àite-suidhe Chaluim Chille mar ainm. Mhothaich e gun robh pìos tombaca na laighe ri thaobh agus, mar sin, thill e dhachaigh leis. Nuair a ràinig e dh'fhaighnich cuideigin dha an robh e air a bhith ag èigheach sa bheinn, agus fhreagair esan nach robh. Bha tè air èigh a chluinntinn fhad 's a bha i aig an tobar. Mar sin, thill e air ais gun fhios nach robh cuideigin ann an èiginn. Lorg an cù aige fear a bha air tuiteam agus a bha air a mheileachadh leis an fhuachd. 'S e Gall a bha ann, agus cha robh aige ach Beurla. Beag air bheag, choisich iad air ais gu taigh Dhòmhnaill far an deach todaidh 's aodach blàth a thoirt dha. Mar sin, chaidh an Gall a shàbhaladh agus a h-uile bliadhna an dèidh seo bhiodh Dòmhnall a' faighinn parsail sa phost le pìoban 's tombaca bhon fhear seo.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:33:40
Àm Clàraidh - 1958-59
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Urras Nàiseanta na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 45201
Àireamh an Teip Thùsail - CannaTape.0038
Àireamh a' Chlàir Thùsail - CannaOT.6
Càileachd an Fhuaime - Meadhanach Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/45201/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA