Sgeulachd an Tombaca
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
CannaOT.6
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Sgeulachd fhìrinneach mu rud a thachair dha Alasdair Mòr, athair an fhiosraiche. Theirig an tombaca air uaireigin, agus thog e air dhan bhaile gus tuilleadh a cheannach. Air an t-slighe, thòisich i ri cur an t-sneachda agus stad e aig clach air an robh Àite-suidhe Chaluim Chille mar ainm. Mhothaich e gun robh pìos tombaca na laighe ri thaobh agus, mar sin, thill e dhachaigh leis. Nuair a ràinig e dh'fhaighnich cuideigin dha an robh e air a bhith ag èigheach sa bheinn, agus fhreagair esan nach robh. Bha tè air èigh a chluinntinn fhad 's a bha i aig an tobar. Mar sin, thill e air ais gun fhios nach robh cuideigin ann an èiginn. Lorg an cù aige fear a bha air tuiteam agus a bha air a mheileachadh leis an fhuachd. 'S e Gall a bha ann, agus cha robh aige ach Beurla. Beag air bheag, choisich iad air ais gu taigh Dhòmhnaill far an deach todaidh 's aodach blàth a thoirt dha. Mar sin, chaidh an Gall a shàbhaladh agus a h-uile bliadhna an dèidh seo bhiodh Dòmhnall a' faighinn parsail sa phost le pìoban 's tombaca bhon fhear seo.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Meadhanach Math