Rannsaich

Fiosrachadh mu Aonghas Rìomhach nan Corc agus Clann 'ic Dhùg...

Ceann-latha August 1965
Àireamh a’ chlàir 45321
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.122.7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.122

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh mu Aonghas Rìomhach nan Corc agus Clann 'ic Dhùghaill Mhòrair.

Bha Aonghas Rìomhach nan Corc beò sna 1500an ann an Àrasaig. Dh'fhaodte gur e a thog seann eaglais Chill Donnain an Eige. Thuirt an eaglais gum feumadh e seachd eaglaisean a thogail mar pheanas airson a dhroch chaitheamh-beatha.

Chaochail bean Mhic 'ic Ailein nuair a rugadh Dùghall, a' chiad phàiste. Phòs e a-rithist agus bha tuilleadh cloinne aige. Dh'iarr an dàrna bean air Aonghas Rìomhach nan Corc agus feadhainn eile cur às dha Dùghall. Mharbh iad e aig àite ris an canar Coire Dhùghaill. Ghabh bean Dhùghaill eagal agus theich i a Mhòrair gus an teaghlach a thogail. 'S e Clann 'ic Dhùghaill Mhòrair a chanadh iad riutha ged a b' e Dòmhnallaich Mhic 'ic Ailein a bh' annta. Bhuineadh am pìobaire ainmeil Raghnall mac Ailein Òig dhaibh. Bha Cù Glas Mheobail a' leantainn nan daoine seo. Chuala am fiosraiche an naidheachd bho a mhàthair agus bràthair a mhàthar.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math