Raghnall mac Ailein Òig agus am Pìobaire Mòr.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1965.124.6
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Raghnall mac Ailein Òig agus am Pìobaire Mòr.
B' e Raghnall mac Ailein Òig bàillidh Mhic 'ic Ailein. 'S e pìobaire ainmeil a bh' ann. Theagaisg e Dòmhnall MacGuaire, am Pìobaire Mòr. Bha Dòmhnall agus a charaid, Iain Ruadh, gaolach air a' bhotal agus bhiodh iad ag òl shìos anns an t-seann mhuileann. Nuair a chaochail Dòmhnall chaidh bàta a dh'Àrasaig a dh'iarraidh Raghnaill. Stad an giùlan nuair a chunnaic iad am bàta a' tighinn. Thàinig Raghnall air tìr agus chluich e a' phìob gus an do ruig e an giùlan. Tha càrn beag an sin fhathast.
Notaichean a' Chlàir
See SA1964.08.A7 for information about Iain Ruadh.
Neach/Cuspair a' Chlàir
MacDonald, Ronald [Raghnall mac Ailein Òig]; MacQuarrie, Donald [Am Pìobaire Mòr]; MacLellan, Iain Ruadh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn
Eilean - Eige
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math