Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 18 February 1997
Àireamh a’ chlàir 4603
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 18.02.1997

Geàrr-chunntas

Lus nan laogh agus na leigheasan co-cheangailte ris.

Beagan mun eachdraidh a tha co-cheangailte ri lus nan laogh agus na tinneasan air am bite a' toirt leighis leis. Cuideachd, beagan fiosrachaidh mun duilleig bhàite agus mun t-seileastair, agus mun leabhar 'The Scots Herbal' le Tess Darwin.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha Nan NicLeòid còmhla rium a-nis. Tha sinn a' dol a thoirt sùil air lus no dhà a bha ar sinnsirean a' cleachdadh airson diofar nithean. Dè do chor an-diugh, Nan?

Nan NicLeòid (NN): Cor... cor math, a Choinnich.

CM: An d' fhuair sibh seachad air gèile na h-oidhche a-raoir?

NN: Cha b' e a' ghèile bu dorra dhomh ach an dealanaich.

CM: Ò, seadh.

NN: Ò, bha e feagalach, treiseag dhen an oidhche.

CM: Tha mi cinnteach gum biodh rudeigin aig ar sinnsirean ri ràdh mu dheidhinn sin cuideachd.

NN: Tha mi a' creidse gun robh. Agus tha mi a' creidse gun robh feadhainn aca aig an robh feagal gu leòr roimhe.

CM: Bha. Bhiodh iad a' cur còmhdach air na sgàthain 's rudan dhen t-seòrsa sin, nach biodh?

NN: Bhitheadh. Bhiodh iad a' smaoineachadh gun robh an t-airgead beò air cùl an sgàthan a' tarraing an dealanaich.

CM: Aidh aidh. An e sin a bu choireach? Tha cuimhne agam mo sheanmhair a bhith ga dhèanamh anns an taigh-dubh.

NN: Bhitheadh. Bhitheadh.

CM: Nuair a bha mi a' bruidhinn riut an t-seachdain a chaidh, thuirt thu rium gun robh thu gu bhith a' bruidhinn mu dheidhinn lus na laoigh an-diugh. Nis, tha sinn a' fàs beagan eòlach air an lus a tha seo. Tha i air fàs beagan ainmeil anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, nach eil?

NN: Uill, 's ann air lus na laoigh a bheir muinntir nan eilean iomradh an-còmhnaidh nuair a thig an còmhradh timcheall gu leigheasan, agus feumaidh mi a chantainn gu bheil tòrr dhaoine air bruidhinn riumsa mu dheidhinn an t-sreath a tha seo, agus thig a h-uile duine aca gu lus na laoigh. Agus tha iad rim faighinn fhathast as aithne leasachadh a chùm feum chun an latha an-diugh

CM: Dh'fheuch mi balgam dheth bho chionn... bho chionn, ò, deich bliadhna air ais agus cha chreid mi gun d' fhuair mi seachad air fhathast. Tha e cho grod ri càil a dh'fheuch mi a-riamh na mo bheatha.

NN: A bheil fhios agad, a Choinnich, 's e sreath a tha seo a tha a' toirt ort a bhith a' cur gnùigean uabhasach air d' aghaidh. Uill, tha eachdraidh lus na laoigh a' dol air ais ùine. Anns an leabhar sa, leughaidh sinn gur fhada bho bha lorg aig lighichean air a' mhaith a bha ri fhaighinn às. Bha lighiche sònraichte ann, ann an Arcaibh, fear Sutharlanach, agus ionnsaich esan an dotaireachd ann an Oilthigh Leiden. Nise, bha i sin gu math ainmeil. Tha mi cinnteach gu bheil cuimhne agad air Leyden jars nuair a bhiodh tu a' dèanamh saidheans. Bha i ann an ceann a deas an Òlaind. Agus 's ann innte a bhiodh iad a' toirt a-mach an dotaireachd. Bhiodh iad a' falbh às an dùthaich sa fhèin. Aig... bha sin aig toiseach na h-ochdamh linn deug, agus dh'ionnsaich e an dotaireachd bho Phroifeasair Boerhaave, agus am fear sin, an dòigh-teagaisg a bh' aige, cha b' ann a-mhàin a' toirt seachad ainmean nan lusan a bha e agus na tinneasan air an robh iad feumail, ach bha e cuideachd a' sealltainn dhaibh man a dheasaicheadh iad iad airson gach nì airson an robh iad a' dol gan cleachdadh nan dreuchd. Man gun canadh tu, hands on experience a bh' aige. Agus nuair a thill an Sutharlanach sin a dh'Arcaibh, rinn e lios dha fhèin anns an do chuir e na lusan a bha e gu bhith a' cleachdadh. Nise, man a tha fios agad, tha lusan ann a dh'fheumas talamh bog no lochan airson a thighinn beò, agus an fheadhainn sin, bhiodh e gan cruinneachadh ann an gleann ris an can iad the Cools of Scalpa ann an Arcaibh, agus nam measg sin tha e air cunntas a thoirt air lus na laoigh. Tha Tess Darwin fhèin, tha ise ag ràdh, na beachd-se, nach eil lus eile ann a' fàs ann an talamh bog a tha cho brèagha ri lus na laoigh, agus tha i ag innse dhuinn gur e sìtheanan geala no pinc a th' air deireadh an earraich no toiseach an t-samhraidh.

CM: Tha mi cinnteach, gun casg a chur air do chòmhradh, nach e seo a' chiad uair aig duine sam bith air a bhith gar cluinntinn a' bruidhinn mu dheidhinn seo, ach airson dìreach a chur an cuimhne dhaoine, tha sinn a' cleachdadh an leabhair le Tess Darwin, the Scots Herbal, air a chur a-mach aig deireadh na bliadhna a chaidh seachad le Mercat Press, airson a bhith gar cuideachadh ann a bhith a' cur na tha seo ri chèile, agus tha an t-uabhas stuth ann.

NN: Tha e uabhasach math 's tha e furasta leughadh. A bheil fhios agad, tha e ag innse beagan eachdraidh 's beagan dhe na cleachdaidhean, 's tha an dòigh sgrìobhaidh aice fèar tarraingeach. Tha mi ga do choimhead fhèin le leabhar eile ann a shin a-nise.

CM: Tha, fear a fhuair mi an t-seachdain sa, agus mo thaing dhan an Urramach Ruairidh MacLeòid airson a chur thugam, gu dearbha. 'S e an t-ainm a th' air an fhear seo, Gaelic Names for Flowers and Plants, le fear Douglas Clyne, agus bidh sin gu math feumail dhuinn cuideachd fhad 's a tha sinn ag obair air a seo.

NN: Uill, thug mi sùil troimhe agus 's e leabhar gu math foghlamaichte a th' ann, a Choinnich. 'S iongantach mana h-eil an dotair a chuir thugad e, 's iongantach mana h-eil lorg aige gur e sgoilear a th' annad, bhon 's e leabhar sgoileir a th'ann.

CM: Chan e. Bidh lorg aige gu bheil feum agam air sgoil.

NN: An ann mar sin a tha e? Uill, tha a h-uile pàirt de lus na laoigh, tha iad ag innse dhuinn, feumail. Tha na duilleagan, agus a' chas aige, agus na reumhaichean. Agus bhiodh iad gam bruiche ann am bùrn gu 'm fal-... gu 'm falbhadh am brìgh às, 's gu 'n deigheadh e dhan a' bhùrn, 's bha iad an uair sin a' cur a' bhùirn sin ann am botail, 's bhiodh iad ga òl mar tonaig, agus bha e math airson... mar leigheas do thinneasan stamaig, ulcers, colic. Bhiodh iad ga òl. Bhiodh iad ga thoirt do dhaoine air an robh an caitheamh 's a' bhuidheach 's a' chuing agus trioblaidean cridhe. Nise, tha ise ag aithris gum biodh iad a' dèanamh fuar-lite dheth airson a chur air neasgaidean. Ach tha lorg agam fhìn air daoine... tha lorg agam air tè sònraichte... tè shònraichte a bhiodh ga òl agus, ò, i air a buaireadh le neasgaidean, 's bha e a' failleachadh air an dotair an cur air falbh, agus thuirt e rithe mu dheireadh:

"An cuala tu a-riamh," ars esan, "mu dheidhinn lus na laoigh?"

Agus thuirt i:

"Chuala."

"Uill," ars esan "faigh e. Faigh thusa cuideigin a nì dhut e 's òl e."

CM: Bha e a' glanadh na fala.

NN: 'S dh'fhalbh e leis na neasgaidean. So... Tha a-nise, bidh iad a' faighinn dath às cuideachd. Ach tha... tha mi a' smaoineachadh bhon tha sinn a' sealltainn ri sìtheanan a tha a' fàs ann am boglach no ann an loch, sìthean eile air a bheil sinn gu math eòlach 's e an duilleag-bhàite, sin an waterlily. Agus tha na reumhaichean aice seo air an gearradh agus air an goil airson dathan. Dath dubh, dath gorm, dath dorch donn. Agus bha iad a' dèanamh feum dhen a shin nuair a bhiodh iad a' dath a' chlò mòr. Ach tha na reumhaichean duilich faighinn thuca, a bheil fhios agad. Tha iad a' fàs ann am poll. Tha iad domhainn. Agus dh'fheumadh iad a dhol a-mach air raft. Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e gu math cunnartach cuideachd. Bha iad gu math duilich an spìonadh.

CM: Agus 's e dath dorch, nach e, dorch... eadar gorm 's dubh, cha mhòr?

NN: Gorm, dubh, dorch donn. Ach fuirich gu an cluinn thu seo. Agus seo aon leigheas air nach tàinig mi tarsaing aige seo. Nam bruicheadh daoine na reumhaichean sin ann am vinegar, agus gun dèanadh iad plàstair dheth, bha sin math airson falbh le corns a thigeadh air do chasan.

CM: Ist.

NN: Uill.

CM: Bhiodh na casan agad gu math dubh.

NN: Uill, 's e sin a-nis an rud nach eil i ag ràdh. An dùil an robh e a' fàgail dath gorm no dath dorch donn air na h-òrdagan agad.

CM: Cha bhiodh e gu diofar leat, am bitheadh?

NN: Nam falbhadh na corns?

CM: Seadh.

NN: Ò, 's iongantach mana h-eil thu eòlach air corns. Agus seo a-nise rud a tha mi a' smaoineachadh a tha gu math iongantach. Tha mi a' creidse nach eil sìthean a' fàs ann an àite bog a tha cho cumanta dhuinne ris an t-sealastair, agus cha do lean càil de dh'eachdraidh an t-sealastair anns a' bheul-aithris againn idir. Agus sin agus gun robh iomradh air a chlàradh gun robh na Ròmanaich ga chleachdadh.

CM: Uill, tha tòrr dhith a' fàs anns a' bhaile againn fhìn.

NN: Tha e a' fàs ri taobh an rathaid sìos fada ann an Liùrbost agus...

CM: 'S dè bhiodh iad... dè bhiodh iad a' dèanamh leis?

NN: 'S ioma rud sin. Fuirich gus an innis mi dhut. A bheil cuimhne agad sinn a bhith a' bruidhinn aig toiseach an t-sreath sa air Regimen Sanitatis, leabhar a bh' aig Iain Peutan, fear dhen an teaghlach Peutan a bha nan lighichean aig Tighearnan nan Eilean agus aig Clann 'icLeòid? Tha sealastair air ainmeachadh anns an leabhar sin. Tha Màrtainn Màrtainn ag innse gum biodh na Sgitheanaich a' dèanamh fuar-lite bho na rhizomes. Sin an rud às a bheil e a' fàs. Agus bhiodh iad a' measgachadh sin le bùrn agus le ìm saillte, agus bha buaidh fìosaig aige air cuislean a' chuirp gu lèir, 's bha e mar sin air a mheas èifeachdach ann an iomadh suidheachadh. Agus seo rud a thuirt thu fhèin an t-seachdain a chaidh, cho tric agus a tha sinn a' faighinn dealbh air ar sinnsirean ag òl mhedicine a chuireadh puinnsean a-mach roimhe tron a' chorp, no a' cur fuar-lit air rud airson ruadhadh a tharraing a-mach tron a' chraiceann.

CM: Tha mi a' faicinn cuideachd an lus mu bheil sinn a' bruidhinn ann an seo, an duilleag-bhàite, bha iad ga chleachdadh airson snaoisean, nach robh?

NN: Bha. Bha. Tha aon rud iongantach ann. A rèir aithris, bha cumhachd eile aig an t-sealastair. Bheireadh e buaidh air trioblaidean ann an cuis-... anns na cuislean spioradail.

CM: Seadh?

NN: Nise, chan eil fhios a'm gu diod a tha sin a' ciallachadh, ach feumaidh mi innse dhut diod a thug e na mo chuimhne, agus 's e sin rud a bhiodh Cailleach an Deucoin ag innse uaireigin mu dheidhinn gun tàinig an t-atharrachadh air an Deucon [???] na mothballs anns a' [???].

CM: Ò seadh, gur e... gur e rudeigin a thàinig às na mothballs.

NN: Thug e buaidh air a cogais.

CM: Seadh?

NN: Bhon 's ann mar sin a tha iad a' cleachdadh an snaoisean, a bheil fhios agad. Cnatan cinn... anns a... [???] sin do chogais. Bha iad a' dèanamh snaoisean dheth airson cnatan cinn, ach bhiodh iad uaireannan gur ann a' toirt an t-sùgh às a bhiodh iad agus, [???] fhèin ort nuair a chluinneas tu am fear seo. Bhiodh iad a' cur an sùgh sin ann an spàin agus bha iad a' leigeil dha dol a-steach dhan a' chuinnlean, a' sruthadh a-steach dhan a' chuinnlean.

CM: Ciamar a gheibheadh iad sin a dhèanamh? Dh'fheumadh iad do chur na do laighe, tha mi a' creidse, am feumadh?

NN: Uill, dh'fheumadh iad... dh'fheumadh tu do cheann a chur gu do chùlaibh agus bha e a' sruthadh a-steach dhan a' chuinnlean.

CM: Cha b' ann nas fheàrr a tha e a' fàs, 's iongantach.

NN: Agus, uill, fhios agad air a seo, thug e gàire orm man a tha i ag innse... bha fear John Lightfoot a thug... a sgrìobh leabhar mu dheidhinn na feuman a bha iad a' dèanamh de lusan. Bha sin anns an ochdamh linn deug. Agus 's e seo man a tha e ag innse a' bhuaidh a bh' aig sin air an duine nuair a dheigheadh e dha na cuislean... dha na cuinnleanan. It is immediately followed by a kind of salivation or copious defluxion of rheum from the mouth and nose.

CM: Smugaid mhòr.

NN: Uill, sruth à sròn.

CM: Ach tha e follaiseach gur e sin a bha e a' dèanamh. Bha e ag obrachadh a-staigh ann an sin, a' ciallachadh gun robh a h-uile càil a bha... an droch rud a bha sin a' tighinn a-mach.

NN: Bha, ach cha chanainn nach loisg [???]. Saoilidh mi gun loisgeadh e taobh a-staigh do chuinnleanan.

CM: An robh... an e sin na feuman a bha iad a' dèanamh dheth air fad?

NN: Chan e. Bha iad cuideachd, ann an àitichean, a bheil fhios a'd, far nach robh tòrr coirce no càil a' fàs, bha iad ga chleachd-... ga thiormachadh agus ga chleachdadh airson tughadh. Agus ma thig sinn gu eachdraidh an latha an-diugh, tha tè ann an Inbhir Narann agus tha ise, Lynn Ross, tha ise air a bhith a' feuchainn a-mach na dathan a tha seo gu 'm faic i dè an fheadhainn aca a dh'fhuiricheas, abair, ann an clòimh, ged a dheigheadh a nighe leis an seòrsa siabann 's detergents a th' aca an-diugh, agus tha seo aice, an sealastair, an dath a tha a' tighinn bhuaithe, tha e seasmhach an aghaidh sin.

CM: Sin agad, ma-thà, lus na laoigh.

NN: An duilleag-bhàite.

CM: An duilleag-bhàite. An sealastair. Agus an e sin e?

NN: Agus trobhad ort. Am biodh tu fhèin nuair a bha thu beag a' dèanamh càil leis an t-sealastair?

CM: Ò, bhitheadh. Ò, bha fhios agam gun robh rudeigin ann. Ò, bhiodh sinn... nach biodh sinn a' dèanamh bàtaichean. Bhiodh sinn a' dèanamh seòrsa eathraichean dhiubh 's gan cur dhan abhainn.

NN: Bhitheadh, bhon a tha e a' fàs ri taobh na h-aibhnichean.

CM: Tha. Ach bhiodh tu... bhiodh tu dìreach a' dèanamh... a' gearr-... tè sìmplidh... tè gu math sìmplidh a bha sinne a' dèanamh. Bhiodh sinn dìreach... bha an duilleag fada, bha thu a' dèanamh toll anns an duilleag, a' cur am bàrr an duilleag sìos agus bha... bha sin... bha sin, bha e a' dol sìos sruth na h-aibhne.

NN: Bha. 'S an do chuir thu a-riamh e eadar do dhà òrdag mar siud...

CM: A' dèanamh fead.

NN: Agus a' dèanamh fead.

CM: Chuir. Cha deach dhomh uabhasach math a-riamh, ach bha, bha sinn a' dèanamh sin, ceart gu leòr. Bha aon rud eile a-nis tha mi a' smaoineachadh, an e an duilleag-bhàite a bha iad ga chleachdadh air a shon agus 's e a' mhodh, tha mi a' creidse, nach do... bu choireach nach do dh'innis thu aon dhe na adhbharan a bha iad ga chleachdadh.

NN: Dè bha sin?

CM: Siuthad. Can thusa e. Nach robh... nach robh iad ga chleachdadh cuideachd airson... airson a bhith a' leigheas an tinneas sin air a... chan eil fhios agam dè a' Ghàidhlig a th' air ann. Gonorrhoea.

NN: Ò, tha, an droch euslaint. Sin an rud a bhios tu a' cluinntinn a-riamh air a shon. 'S e sin a bhiodh aca air, 's cha robh càil a dh'fhios a'm gu diod a bha e a' ciallachadh.

CM: Uill, fhuair sinn a-mach e an-diugh.

NN: Sin agad e.

CM: Nan, tapadh leatsa. A bheil... a bheil fhios againn cò ris a tha sinn gu bhith a' bruidhinn an t-seachdain sa tighinn? A bheil thu air d' inntinn a dhèanamh suas?

NN: Uill, man a tha mi a' coimhead an t-earrach a' tighinn, agus bidh mi a' cuimhneachadh air nuair a bhithinn a' dol dhachaigh às an sgoil, 's bhiodh sinne a' dol far an rathaid, 's bhiodh sinn a' togail sìthean beag buidhe a bha a' fàs tràthail, tormentil, agus gun seall sin ris an fheadhainn sin agus am brisgean 's an fheadhainn air an robh sinn eòlach nuair a bha sinn beag. Tha 's fhathast.

CM: Uill, tapadh leatsa gu dearbha airson thighinn a-steach a dh'innse dhuinn an tuilleadh mu dheidhinn na lusan an-diugh. An t-seachdain sa tighinn, bheir sinn sùil air an fheadhainn sin. Nan NicLeòid.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math