Rannsaich

A' Chiad Turas a dh'Fhàg Mi Uibhist

Ceann-latha 25 February 1960
Àireamh a’ chlàir 46984
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

CannaOT.5

Àireamh an Teip Thùsail

CannaTape.0037

Geàrr-chunntas

Bha am fiosraiche ag obair ann an Ormacleit an toiseach, airson tastan san latha. Bha tè à Staoinibrig còmhla rithe an sin. An uair sin chaidh i dhan Òban air stiomar, agus à sin gu Dail Mhàilidh air trèana. Bha i sia mìosan ag obair an sin, ach cha robh i glè thoilichte ann.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Chaimbeul, Mòr

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

Canna

Tar-sgrìobhadh

Mòr Chaimbeul: A' chiad triop a dh'fhàg mise an t-eilean, cha robh mi ach gu math deireannach. Cha robh mi ach... bha mi ag obair foghar ann an Ormacleit, agus 's e tastan san latha a bh' agam, agus rinn mi am foghar ann. Ach co-dhiù gun do chuir mi not gu taobh, agus bha iomadach rud agam ri fhaighinn leis an not. Bhiodh dreasa a dhìth orm, 's bhiodh a h-uile rud a dhìth orm. 'S bhiodh... neo-ar-thaing nach robh mi a' faicinn feadhainn eile leòmach, 's gun rathad agam fhìn air sìon fhaighinn, agus bha mi a' cumail agam an not.

Chaidh mi an sin... bha sinn air Didòmhnaich 's chaidh sinn dhan eaglais. Nuair a sgaoil an eaglais, thàinig nighean a mhuinntir Staoinibrig a-mach, agus thuirt i:

"Bheil duine an seo," ars ise, "a thèid a chosnadh deagh thuarastal idir," ars ise "no do dheagh àite?"

Cha robh gin no duine a' radha guth. Thuirt mise air mo thurrag, on a bha mi car abaich:

"Thèid mise ann," arsa mise.

"Ò m' eudail, thugainn," ars ise. "Tha mise a' falbh a-màireach," ars ise, "'s bi falbh còmhla rium, 's chì mise thu," ars ise, "air ùrlar taigh do mhaighstir," ars i fhèin, "agus thèid mi latha sam bith gad choimhead ann."

Ò siud an rud a bha math agamsa. Ach dh'fhalbh mi còmhla rithe sìos dhan taigh aca fhèin, gu ruige Staoinibrig, agus dh'innis mi dhi gun robh not agam; dùil a'm gura mi bha beairteach, nach teirigeadh e idir dhomh.

Uill, 's e crùn a bhiodh an uair sin orm a dhol dhan Òban leis an stìomair. Dh'fhalbh mi madainn Diluain, 's thug mi leam na badan a bh' agam an [?oisinn] bhig. A h-uile [???] a bh' agam, tha mi cinnteach gun robh e umam co-dhiù.

Thug mi leam na badan a bh' agam, 's... Uill, nuair a ràinig sinn an t-Òban, bha ise Gàidhealach gu leòr, ach nuair a ràinig i sin, cha chluinneas ach Beurla, 's cha robh Beurla agamsa, 's cha robh sgoil agam. Cha robh mi ach truagh.

"Ò," ars ise, "gheibh thu rud sam bith a bhios a dhìth ort ann am bùth an seo," ars ise, "gus... gu 'm bi term ann. Ach," ars ise, "bheir dhòmhsa beagan thastan," ars ise, "feuch an tèid mi a-staigh a chàradh... a phàigheadh an umbrella a chuir mi ga chàradh ann a sheo nuair a bha mi dhol dhachaigh a bhrist mi."

Ò thug mise siud dhi - 's mi bha math dheth. Chaidh i a-staigh do sheop leam ann a shin 's thuirt i:

"Am faigh searbhanta an seo rud," ars ise, "gu term?"

"Ò gheibh," ars am fear sin, "ma bhios litir a maighstir aice."

Siud rud nach robh agamsa ann. Cha robh mise air faighneachd airson maighstir, 's i fhèin a' dol gam fhàgail ann. Gam chur a... gam fhaicinn... gun robh mi ga faicinn cho tric.

Agus... uill bha seo ceart gu leòr, ach chaidh sinn an seo air an trèan. Cha robh fios agamsa cà robh mi a' dol, ach gun robh mi ga leantail-se. Agus nuair a stad an trèan aig Loch Obha ann a shin, thog ise uinneag na trèana agus thòisich i air smèideadh. Agus bha bàta a' dol a thighinn a-nall air an locha, air Loch Obha, ga h-iarraidh. Bha ise ceart gu leòr, bha i a' tilleadh dhan àite an robh i reimhid. Thionndaidh i riumsa agus thuirt i:

"Uill," ars ise, "thig thusa aiste a-nist aig an ath stèisean," ars ise, "no mura tig, 's ann aig Dia Mòr tha brath cà 'n tèid thu," ars ise.

Thòisich mise air caoineadh an uair sin. Cha robh fhios a'm dè rud a chanainn, no a dhèanainn.

"Tha mise a' tighinn aiste ann a sheo," ars ise, "agus mura tig thusa aiste an uair ud," ars ise, "aig Dia tha brath cà 'm bi thu," ars ise.

Thionndaidh an seo tè dhe na boireannaich a bha sa charaids, agus thuirt i:

"A bheil," ars ise, "sgoil agad, a ghalathad?" ars ise.

"Chan eil," arsa mise.

"Bheil Beurla agad?" ars ise.

"Chan eil."

"An-tà, 's truagh leamsa thusa," ars ise, "gun sgoil gun Bheurla."

Cha robh mise ach a' caoineadh. 'S dh'fhalbh iad sin, a h-uile duine aca, a-mach às a' charaids. Ach gun tàinig fear-obrach a-staigh, 's shuidh e mar sin mum choinneamh air an taobh eile, 's bha mise a' caoineadh. Theireadh esan an-dràsta 's a-rithist:

"Teann a-nall," ars esan, "goirid domh, gun fhios a'm nach tu as bean dhomh fhèin," ars esan.

Cha robh mise ach a' caoineadh.

"Bheil airgead agad?" ars esan.

"Chan eil," arsa mise.

"'S cà 'il thu a' dol?" ars esan.

"Chan eil fhios a'm gu dearbh. Chan eil fios a'm cà bheil mi a' dol," arsa mise, "ach gu bheil agam," arsa mise, "ri tighinn a-mach aig an ath stèisean."

"Uill, tha mise a' tighinn a-mach an sin cuideachd," ars esan. "Agus," ars esan, "an ann gu cosnadh a tha thu a' dol?"

"'S ann," arsa mise.

"Uill," ars esan, "chan eil agad ach bruidhinn ris a' phoileasman," ars esan, "nuair a thig thu a-mach às an trèan."

"An-tà, chan eil bruidhinn agam," arsa mise, "dhan phoileasman ann. Tha mi gu dona air."

"Ò," ars esan, "chleachd e Gàidhlig a bhith aige."

Uill, nuair a ràinig sinn Dail Mhàilidh, thàinig mise a-mach, 's thàinig am fear sin a-mach. Dh'fhalbh e far an robh am poileasman, 's thàinig am poileasman. Bhruidhinn e rium, 's dh'fhaighneachd e dhìom cà robh mi a' dol, 's thuirt mi gun robh mi a' dol gu fear MacPhilip. Bha e greiseag a' coimhead orm.

"Ò," ars esan, 's e a' crathadh a chinn, "chan eil duine dhan ainm sin an seo ach aon fhear, 's chan eil e a' gleidheadh searbhanta idir. Chan eil searbhanta idir aige uair sam bith," ars esan.

Cha robh mise ach nam ghurraban ann a shin. Agus thàinig an sin am fear sin a bha còmhla rium. Thill e agus bha pacaid bhriosgaid aige dhomh agus flasg aige na phòca, agus thug e orm balgam a thoirt às a sin. Dh'fhalbh am poileasman 's dh'fhàg e an sin mi. Agus thàinig e seothach an ceann treise a-rithist.

"Ò," ars esan, "tha mi a-nist, a chaileag," ars esan, "a' tuigsinn cà 'il thu a' dol," ars esan. Ars esan: "Thig a-mach," ars esan. "Seall," ars esan, "am faic thu... am faic thu am bad coille a tha sin?" ars esan.

Bha e còig mìle bhuam, am bad coille, ach gu dearbh bha e mòr, agus bha e car air leth on chòrr.

"Siud," ars esan, "far a bheil thu a' dol," ars esan. "Siud far a bheil an taigh far a bheil thu a' dol, far a bheil am bad coille ud."

Ach cha robh mise deònach carachadh air a shon sin às an àite an robh mi. Cha robh fhios a'm cà 'n robh mi gus a dhol. Thàinig an sin dà chnapach ghille agus thuirt fear aca rium:

"An ann à Uibhist a tha thu?" ars esan.

"'S ann," arsa mise.

"'S an e Raonaid Dhòmhnallach," ars esan, "a thug gu tighinn thu?"

"'S i," arsa mise.

"Ò uill," ars esan, "'s ann còmhla rinn a bhios tu a' falbh."

Dh'fhalbh mi an uair sin còmhla riutha an sin, 's cha robh agamsa a' ruighinn an àite sin ach pàipear sgrìobhte 's dhà no trì stampaichean, 's tastan no dhà - sin na bh' agam dhen not. 'S cha robh mi ann ach sia mìosan, 's gu dearbh cha robh mi ro thoilichte ann.

Sin mar a thachair dhòmhsa a' chiad fhalbh a rinn mi.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math