spacer
spacer

Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneach...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneach...
Fiosraichean - Nan MacKinnon
Luchd-clàraidh -

Geàrr-chunntas - Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneachadh.

Moireasdanaich mhòra na muice, thrùiceam thròiceam.

Fhad 's a bhios slat sa choille bidh an fhoill sa Chaimbeulach.

Bheat am Muileach an t-Ìleach 's bheat an t-Ìleach an deamhan.

An t-àicheadh cruaidh 's e am puing as àirde san lagh.

Is fheàrr caraid sa chùirt na crùn san sporan.

Seachd bliadhna saoghal a' chait gu h-aotrom agus gu h-aighearach 's air an ochdamh bliadhna bidh e gu troma-cheannach, colla-cheannach cadaltach.

Is fheàrr aon eun na làimh na dhà-dheug air iteig.

Ge b' e a nì an uaill Luain cha dèan e an uaill Dhòmhnaich.

Là fada Fhèill Phàdraig fòghnaidh e do dhuine agus fòghnaidh duine dha.

Air Là Fhèill Brìghde thèid aon tonn na naoi tonnan.

Is òg an Nollaig a' chiad oidhche.

Is beò na h-eòin ged nach seabhaig iad.

Chan eil car anns an t-sionnach nach aithnich dhan t-sealgair.

Ge b' e a bhios na thàmh cuiridh e na cait air teine.

Is fheàrr dhut an cù a-staigh ort na a-mach ort.

Gheibh foighidinn furtachd agus gheibh caise comhachadh.

Snàithlean fada an droch thàilleir.

Iomairt air a' bheairt as luaithe.

Tha iasg anns an fhairge cho dearbh 's a thàinig às.

Is fheàrr a bhith cinnteach na bhith caillteach.

Is fheàrr tilleadh math na droch fhuireach.

Is minig a dh'fhosgail beul uaghach a' dèanamh àite taobh cruaidhe do thèile.

Nuair a dh'fhosglar cladh, fosglar do thriùir e.

Na trì gaothannan as fhuaire: gaoth tro tholl is gaoth far thonn is gaoth fo bhonn siùil.

Is caomh leis an fheannaig a garrach-gorm fhèin.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:08:11
Àm Clàraidh - 1960.06.29
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Eile
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 47304
Àireamh an Teip Thùsail - SA1960.120
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1960.120.B1-B25
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Meadhan Lodainn
  Paraiste - Dùn Èideann
  Baile/Àite - Dùn Èideann

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/47304/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA