Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneach...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.120.B1-B25
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneachadh.
Moireasdanaich mhòra na muice, thrùiceam thròiceam.
Fhad 's a bhios slat sa choille bidh an fhoill sa Chaimbeulach.
Bheat am Muileach an t-Ìleach 's bheat an t-Ìleach an deamhan.
An t-àicheadh cruaidh 's e am puing as àirde san lagh.
Is fheàrr caraid sa chùirt na crùn san sporan.
Seachd bliadhna saoghal a' chait gu h-aotrom agus gu h-aighearach 's air an ochdamh bliadhna bidh e gu troma-cheannach, colla-cheannach cadaltach.
Is fheàrr aon eun na làimh na dhà-dheug air iteig.
Ge b' e a nì an uaill Luain cha dèan e an uaill Dhòmhnaich.
Là fada Fhèill Phàdraig fòghnaidh e do dhuine agus fòghnaidh duine dha.
Air Là Fhèill Brìghde thèid aon tonn na naoi tonnan.
Is òg an Nollaig a' chiad oidhche.
Is beò na h-eòin ged nach seabhaig iad.
Chan eil car anns an t-sionnach nach aithnich dhan t-sealgair.
Ge b' e a bhios na thàmh cuiridh e na cait air teine.
Is fheàrr dhut an cù a-staigh ort na a-mach ort.
Gheibh foighidinn furtachd agus gheibh caise comhachadh.
Snàithlean fada an droch thàilleir.
Iomairt air a' bheairt as luaithe.
Tha iasg anns an fhairge cho dearbh 's a thàinig às.
Is fheàrr a bhith cinnteach na bhith caillteach.
Is fheàrr tilleadh math na droch fhuireach.
Is minig a dh'fhosgail beul uaghach a' dèanamh àite taobh cruaidhe do thèile.
Nuair a dh'fhosglar cladh, fosglar do thriùir e.
Na trì gaothannan as fhuaire: gaoth tro tholl is gaoth far thonn is gaoth fo bhonn siùil.
Is caomh leis an fheannaig a garrach-gorm fhèin.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Meadhan Lodainn
Paraiste - Dùn Èideann
Baile/Àite - Dùn Èideann
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math