Rannsaich

Mar a fhuair Raghnall mac Ailein Òig cuidhteas colann gun ch...

Ceann-latha 22 May 1972
Àireamh a’ chlàir 47807
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1972.73.A8

Àireamh an Teip Thùsail

SA1972.073

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair Raghnall mac Ailein Òig cuidhteas colann gun cheann.

Bha colann gun cheann ga faicinn ann an Àrasaig. Chaidh na daoine làidir Raghnall mac Ailein Òig agus Iain Garbh Ratharsair a chur ruaig oirre. Rinn i an gnothach air Iain Garbh, ach rinn Raghnall an gnothach oirrese. Gheall i gum fàgadh i an t-àite agus leig e às i. 'S ann am Beinn Eadarainn san Eilean Sgitheanach a bha a dachaigh agus dh'fhalbh i 's i ag aithris rann, "Is fhada bhuam fhìn bonn Bheinn Eadarainn."

Bha an naidheachd seo san leabhar aig Seumas Dòmhnallach. Bha i am measg nan daoine cuideachd.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacIllFhialain (AM): Och bha, 's colann gun cheann, bha an naidheachd sin...

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Nist, dè bh' air a' cholann gun cheann? Dè rud a bha seo?

AM: Uill [???]. Thall faisg air Àrasaig ann an siud a bhiodh iad ga faicinn. Bha fear a mhuinntir an àite seo ris an canadh iad Raghnall mac Ailein Òig, 's bha e uabhasach uile, uile-làidir. Agus bha fear eile ann an Rathasair ris an canadh iad Iain Garbh Ratharsair. Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu dheidhinn.

DE: Chuala.

AM: Ceart gu leòr, chaidh e fhèin 's Raghnall a dh'ionnsaigh an àite feuch an cuireadh iad an ruaig air colann gun cheann. Cinnteach gu leòr, chunnaic iad i. Chaidh Iain Garbh 's i fhèin am bad a chèile, agus rinn i an gnothach air. Chuir i Iain, a dhruim ri talamh, 's dh'èigh e na creachan, i a leigeil leis, leigeil leis. Uill, leig i leis co-dhiù.

Chaidh Raghnall mac Ailein Òig agus i fhèin am bad a chèile an uair sin, 's rinn esan an gnothach oirre co-dhiù. Chuir e a ghlùin air a h-uchd 's:

"Leig às mi, leig às mi," thuirt ise.

"Uill," thuirt e, "leigidh mi às thu dìreach air cùmhnant gum fàg thu an t-àite seo uile."

Uill, tha e coltach ris gur ann an àite ris an can iad Beinn Eadarainn ann an... anns an Eilean Sgitheanach a bha an dachaigh aice, 's dar a bha i a' falbh bha i ag ràdh:

"'S fhada bhuam fhìn bonn Beinn Eadarainn, cùl Beinn Eadarainn, bonn Beinn Eadarainn. 'S fhada bhuam fhìn bonn Beinn Eadarainn, Bealach a' Mhorbhain."

Sin mar a bha an naidheachd aig an fhear sin.

DE: 'S bha i... bha an naidheachd... chunnaic sibh an naidheachd a bha seo anns an leabhar?

AM: Bha e sa... bha e aig Seumas, bha.

DE: Agus a bheil cuimhn' agaibh fhèin air an naidheachd a bha seo am measg nan daoine ann a sheo?

AM: Tha cuimhn'... och tha, 's tha cuimhn' agam air Seumas glè mhath. Chaidh an duine bochd a bhàthadh às dèidh sin. Agus, uill, siud... siud mar a bha i aige co-dhiù, an naidheachd. Och bha uabhas de naidheachdan a' dol an seo, fhios agad. Bha, bha. Och, bha.

DE: Nist, Raghnall mac Ailein Òig a bha seo, an cuala sibh dad eile mu dheidhinn?

AM: Uill cha chuala leis an fhìrinn ach gur e ceatharnach uabhasach uile a bh' ann, gun robh e uabhasach uile-làidir. 'S ann às a seo a bha e. À Mòrar a bha e, cinnteach gu leòr, no Àrasaig. Uill, an uair ud, fhios agad, bha... chan eil... nise, Mòrar an seo, an oighreachd, chan eil i ach a' dol gu Abhainn Mhòrair. Chì sibh far a bheil an abhainn ann an siud. Ach an uair ud, bha i a' dol gus... gu... cho fada ri Àrasaig. 'S e Mòrar a Deas a chanadh iad, agus seo Mòrar a Tuath.

DE: 'S e. 'S e.

AM: Sin mar a bha iad.

DE: Agus an cuala sibh riamh gur e pìobaire a bh' ann an Raghnall mac Ailein Òig a bha sin? Gun robh e math air pìobaireachd?

AM: Cha chuala mi sin. Cha chuala.

DE: Tha e coltach gun robh.

AM: Cha robh e idir aigesan, aig Seumas co-dhiù, anns an leabhar.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math