Rannsaich

Am Fear a Bhios Fada gun Phòsadh/Nighean na Cailliche Crotaiche Crùbaich/Bodaich na h-Obha/'S ann an Ìle/Tobar Iain 'ic Dhùghaill

Ceann-latha September 1966
Àireamh a’ chlàir 48131
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1966.53.A9; A10; A11; A12; A13

Àireamh an Teip Thùsail

SA1966.053

Geàrr-chunntas

Còig puirt-à-beul. Anns a' chiad phort, tha an t-ùghdar ag ràdh gum fàsadh fraoch is feur air fear a bhiodh fada gun phòsadh agus gum biodh feusag mhòr air. Anns an dàrna port thathar ag ràdh gun troideadh nighean na cailliche crotaiche crùbaich. Thathar ag ràdh anns an treas port gum biodh bodaich na h-Obha agus cailleachan Ì an Ìle far am biodh beadradh. Tha an ceathramh port ag ràdh gur ann an Ìle bhòideach a rugadh an nighean agus tha an còigeamh port mu dheidhinn Tobar Iain 'ic Dhùghaill.

Tha am fiosraiche ag innse gur ann aig a mhàthair a chuala e am port mu dheireadh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math