Rannsaich

Sgeulachd mu ghalla a bha math air maighichean a ghlacadh.

Ceann-latha c. June 1953
Àireamh a’ chlàir 4841
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.106.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.106

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu ghalla a bha math air maighichean a ghlacadh.

Bha galla aig fear air an robh Rob a bha math air maighichean a ghlacadh. Bha Rob latha a' spealadh 's bha a' ghalla a' ruith maigheach. Chuir Rob an speal air toll anns a' ghàrradh. Chunnaic a' mhaigheach an speal ach chan fhaca a' ghalla. Chaidh a' ghalla a dhì-cheannadh ach chuir Rob an claigeann air ais oirre agus leum i an-àirde 's ghlac i a' mhaigheach.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

An Caiptean Dùghall MacCormaig: Beagan an dèidh do Rob crìochnachadh mun each uabhasach a chunnaic e aig Tobar Allt Chaomhain, chaidh na cuspairean gu iomadh rud eile, gus mu dheireadh gun tàinig iad gu coin - coin a bha math air caoraich, 's coin a bha math air crodh, 's coin a bheireadh air maighich no air fiadh no air rud sam bith. Agus 's ann an sin a thog Rob a cheann a-rithist, agus ars esan:

"Dadaibh, a chlann," ars esan. "Bha galla ruadh agamsa agus cha do rugadh maigheach riamh anns an Ros Mhuileach no ann an àite eile de Mhuile air nach beireadh i ann an ùine glè ghoirid."

"Dh'fhalbh mi a-mach feasgar a bha siud 's thug mi leam an speal, deireadh an fhoghair. Bha am buntàta a-staigh 's a h-uile dad ann am pollag, a h-uile buntàta ann am pollag. Dh'fhalbh mi a dhol a ghearradh rainich airson leapannan don chrodh 's rudan mar sin, mar a tha fhios agaibh fhèin glè mhath. 'S bha a' ghalla ruadh leam. Thòisich mi air spealadh na rainich, 's bha gu leòr ann dhith, agus cha robh mi fada gus an do dh'èirich maigheach, 's dh'fhalbh a' ghalla ruadh às a dèidh, 's thuirt mi rium, 'Bidh maigheach agam airson mo bhiadh a-màireach.'"

"Lean mi air mo... air an spealadh, ach cha robh a' ghalla a' tighinn air ais, mar a bu chòir dhi 's mar a b' àbhaist dhi. Thog mi mo cheann an sin, agus chunna mi an dithis aca taobh na beinne, a' ghalla mu dheich slatan às dèidh a' mhaighich, agus iad a' tighinn mu chuairt, mu chuairt gus an robh iad a' tighinn gu achadh a bha sin, 's lean mo shùil iad agus chunnaic mi an sin a' mhaigheach a' tighinn air ais, dìreach an t-àite a dh'fhàg i. Agus mar a tha fhios agaibh, bidh iad a' dèanadh toll anns na gàrraidhean a chùm 's gun rachadh na caoraich air ais 's air aghaidh gun a bhith a' bristeadh nan gàrraidhean. Agus rinn a' mhaigheach dìreach air an toll sa 's cha robh e fada bhuam. 'S e a rinn mi, thog mi an t-iarann far na speal agus chuir mi tarsaing anns an toll seo e, a chùm 's gum buaileadh i... gum buaileadh a' mhaigheach an t-iarann, 's gheibhinn an sin i."

"Ach, ò, a chlann, thàinig a' mhaigheach agus feumaidh gun do mhothaich i rudeigin roimhpe, a chionn chaidh i fon iarann, 's fhuair i seachad orm. Ach a' ghalla bheag bhochd, 's a beul fosgailte, dìreach a dhol a bhreith air. Chaidh an speal agus... roimhpe... ro a beul, 's cha d' fhàg i ach craiceann... pìos beag den chraiceann aig cùl a cinn. Thug e an claigeann dhith air fad, 's thuit i. Agus thòisich deòir a' tighinn a-nuas air mo shùilean, agus thog mi i."

"'Ò, mo ghaoil, mo ghaoil,' arsa mise, 'an do chaill thu mi mu dheireadh... chaill mi thu mu dheireadh.' Gun ach crioman beag de chraiceann cùl a cinn a bha ceangailte ris a' cheann aice. 'Ach co-dhiù, tha thu rèidh a-nis, a thruaghain.' Agus chàirich mi an ceann sin... an cuid sa den chlaigeann air a' cheann eile agus rinn mi sin. 'Tha thu rèidh. Faodaidh mi d' fhàgail.'"

"'S a bheil fhios agaibh, cha bu luaithe a bha am pìos a thuit far a cinn, nuair a chuir mi air a' cheann eile... air a' phìos eile e, na leum i a-mach às mo làmhan agus a-mach a ghabh i agus rug i air a' mhaigheach. Nis, creidibh sin no nach chreidibh e. Tha sin cho fìor 's a tha mise nam shuidhe air a' chathair seo."

Ach dìreach mar a bha e roimhe, 's ann air furm a bha Rob.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math