Rannsaich

Oisean an dèidh na Fèinne.

Ceann-latha August 1968
Àireamh a’ chlàir 48590
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1968.152.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1968.152

Geàrr-chunntas

Oisean an dèidh na Fèinne.

B' e Oisean an duine mu dheireadh dhe na Fiantaich. Bha e ag innse eachdraidh na Fèinne don Naomh Pàdraig ach cha robh e ga chreidsinn mu neart na Fèinne agus loisg e na bha e air a sgrìobhadh mun eachdraidh. Bha Oisean dall na sheann aois ach ghuidh e gum faigheadh e aon bhiadh mòr eile mar a bha aca ann an linn na Fèinne mus bàsaicheadh e.

Tron oidhche thill Bran, an cù a b' fheàrr a bha aig Fionn, agus Caoilte, an duine bu luaithe dhe na Fiantaich. Thug iad a-mach a shealg e agus fhuair iad fèidh mhòra. Bha an cuthach air Bran agus b' fheudar cur às dha. Fhuair Oisean a fhradharc air ais le uisge àraidh agus dh'ith e na fèidh a bha iad air a shealg.

Nuair a thill e gu Naomh Pàdraig agus a sheall e meudachd chnàmh nam fiadh dha, chreid e e mun eachdraidh. Bhàsaich Oisean an oidhche sin agus cha d' fhuair Pàdraig an còrr dhen eachdradh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Oisean

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math