Shàbhail Alasdair Mòr, athair an fhiosraiche, iasgair bho th...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.130.B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Shàbhail Alasdair Mòr, athair an fhiosraiche, iasgair bho thaobh an ear Alba a bha air chall anns an t-sneachd.
Chuala seanmhair an fhiosraiche èigheach a' tighinn às a' bheinn nuair a bha Alasdair Mòr, athair an fhiosraiche, air falbh ag iarraidh tombaca. Nuair a thill Alasdair dhachaigh thug e leis an cù agus chaidh e a-mach a choimhead dè bha ceàrr. Lorg an cù iasgair air a ragadh leis an fhuachd. Thug Alasdair dhachaigh e agus choimhead iad às a dhèidh. Chaidh e a dh'innse do sgioba a' bhàta-iasgaich mar a thachair. Nuair a thàinig an sgioba a dh'iarraidh an iasgair, thug iad tombaca do dh'Alasdair a mhaireadh mìos. Bha Alasdair a' faighinn parsail bhon iasgair a h-uile bliadhna le tombaca, pìoban, tì agus siùcar.
Tha fiosrachadh air a thoirt seachad mu na h-iasgairean a bha a' tighinn a dh'Uibhist a Deas bho thaobh an ear Alba agus an t-iasg a bha iad ag iasgach.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math